Manifesto nan Tòraidhean
Anns na beagan là ithean a dh'fhalbh, tha mi air a bhith a' siubhail air feadh Alba, a' clà radh phìosan ann an grunn sgìrean mu dh'iomairt an taghaidh.
Thèid an craoladh air An Là an ath-sheachdainn agus seachdainn an taghaidh fhèin.
'S ann air sgà th sin gun robh am blog car sà mhach o chionn greis.
A-mà ireach - ma bhios an itealan a' dol - thèid mi gu Leòdhas airson fiolm eile a chlà radh an sin.
Anns an eadar-ama, ge-tà , tha na h-iomairtean nà iseanta air a bhith trang glè thrang cuideachd.
An-dè, chaidh Manifesto Albannach eile fhoillseachadh - an turas-sa leis na Tòraidhean.
Cuireadh
.
Seo a' chiad rud don a mhothaich mi dè cho trom 's a tha e - 124 duilleag uile gu lèir.
As dèidh 13 bliadhna air na beingean dùbhlanach, tha am pà rtaidh airson sealltainn gu bheil planaichean mòra, susbainteach aca airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha againn.
Ach 's e feallsanachd a bharrachd air dìreach stoidhle a tha eadar-dhealaichte mun mhanifesto seo.
Air còmhdach a' mhanifesto tha na faclan 'cuireadh a dhol an sàs ann an Riaghaltas Bhreatainn'.
Dè dìreach a tha sin a' ciallachadh ge-tà ?
Cumhachd
Ma tha na Là baraich a' coimhead ris an stà it airson trioblaidean na dùthcha a chà radh, tha na Tòraidhean airson cumhachd a thoirt do dhaoine sin a dhèanamh anns na coimhearsnachd aca fhèin.
B' urrainn, mar eisimpleir, do phà rantan sgoiltean ùra fhosgladh ma bhios iad mì-thoilichte leis an sgoil ionadail aca.
Tha na Tòraidhean cuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine ceannardan poilis a thaghadh, no buill-pà rlamaid a chur far an dreuchdan.
Ach, coltach ri manifesto Albannach nan Là barach, tha na Tòraidhean a' bruidhinn mu chùisean a tha fo smachd Westminster - cùisean nach gabh atharrachadh leotha fiù 's ma bhuannaicheas iad aig an taghadh seo.
Tha trioblaid Albannach eile aig na Tòraidhean. Chan eil aca an-drà sta ach aon bhall Albannach anns na Cumantan, suidheachadh a bhiodh duilich dhaibh nan robh riaghaltas Tòraidheach aig Westminster as dèidh an taghaidh.
Tha am pà rtaidh ag obair gu cruaidh, mar sin, airson sin atharrachadh.