Sgìrean targaid: Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bà ideanach & Srath Spè
Ghabh na Lib Deamaich an sgìre ùr de dh'Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bà ideanach agus Srath Spè ann an 2005.
B' e Danny Alexander ball na sgìre anns a' phà rlamaid mu dheireadh - fear a tha glè chudromach do dh'iomairt a' phà rtaidh aig ìre nà iseanta.
'S e Mgr Alexander a tha os cionn sgiopa ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg.
As dèidh a' bhuaidh a thug a' chiad dheasbad air na cùnntasan-bheachd, is cinnteach gu bheil Mgr Alexander air a bhith air leth trang.
Thuigeadh sibh, 's dòcha, nan robh aire Mhgr Alexander air cùisean taobh a-muigh na sgìre aige fhèin.
Ach, 's coltach gur ann air gearraidhean do sheirbhisean ionadail a tha aire a' mhòr-shluaigh.
Gearraidhean
Tha tagraiche an SNP, Iain Finnie, air na Lib Deamaich a chà ineadh, ag rà dh gu bheil iad airson gearraidhean cruaidhe a thoirt do seirbhisean air Ghà idhealtachd.
'S iad na Lib Deamaich agus na LÃ baraich a tha a' ruith Comhairle na GÃ idhealtachd.
Tha dragh air daoine anns an sgìre gun tèid goireasan leithid ionadan comhairsneachd agus sgoiltean a dhùnadh ri linn gearraidhean a thig as dèidh an taghaidh.
Ach, coltach ris an deasbad nà iseanta, chan i a' cheist am bi gearraidhean ann, ach cà ite, cùine agus dè cho domhainn 's a bhios iad.
Bhruidhinn mi ri tagraiche nan Là barach, Mike Robb, taobh a-muigh ionad coimhearnachd ann an Inbhir Nis fhèin.
Thuirt Mgr Robb gun dìonadh esan na seirbhisean as bunaitiche bho ghearraidhean nam pà rtaidhean eile.
In-imreachd
Tha na Lib Deamaich fo uallach an seo cuideachd as dèidh mar a rinn Nick Clegg iomradh air Inbhir Nis ann an agallamh leis a' BhBC.
Dh'innis Mgr Clegg do Jeremy Paxman gur e Inbhir Nis fear dhe na h-à iteachan far an robh barrachd in-imreach a dhìth.
Tha tagraiche nan Tòraidhean anns an sgìre, Jim Ferguson, feargach mu dheidhinn seo.
Dh'iarr esan air daoine a tha mì-thoilichte mu na thuirt Mgr Clegg taic a thoirt dhà san aig an taghadh seo.
Aig ìre nà iseanta, tha na Lib Deamaich air a bhith a' dèanamh nas fheà rr anns na cùnntasan-bheachd na rinn iad a-riamh.
'S e buille mhòr a bhiodh ann don phà rtaidh nan cailleadh iad an seat seo, tha aig cridhe iomairt nan Lib Deamach, mar a tha e aig cridhe Gà idhealtachd na h-Alba.
Bidh aithris shònraichte à  Inbhir Nis air An Là , air ´óÏó´«Ã½ Alba a-nochd aig 8f.
BeachdanFÃ g beachd
'S fhearr leam O Gallchoir na O' Gallagher.