Sgìrean targaid: Na h-Eileanan an Iar
Ged a tha e fad air falbh, bheir na co-dhùnaidhean a thèid a dhèanamh ann an Taigh nan Cumantan buaidh mhòr air coimhearsnachdan nan Eilean Siar.
An turas-sa, b' urrainn do thoradh an taghaidh anns na h-Eileanan buaidh a thoirt air Westminster cuideachd.
Ghabh Aonghas Brianan MacNeil an seat seo ann an 2005.
Ach tha a' bheà rn eadar an SNP agus na Là baraich nas lugha na 1500 bhòt.
Chaidh còrr is 1000 bhòt don a' phà rtaidh Chrìosdail aig an taghadh mu dheireadh.
Ach an turas-sa, bidh cùisean airgid co-dhiù cho cudromach 's a bhios cùisean spioradail.
Connadh
Anns a' phà rlamaid mu dheireadh dh'fhàs Mgr MacNeil ainmeal airson aire a thoirt do sgainneal nan urraman. Ach chan ann mu dheidhinn sin a tha e a' bruidhinn aig an taghadh seo.
Chà in Mgr MacNeil am pà rtaidh Là barach mu phrìs à rd a' chonnaidh, ag rà dh gun do thuig daoine gun robh ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô connaidh fo smachd an riaghaltais aig Westminster.
Tha na Lib Deamaich airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô connaidh a chur suas - ach a-rèir tagraiche a' phà rtaidh, Jean Davis, tha coimhearsnachdan iomalach leithid nan Eileanan Siar ann an suidheachadh eadar-dhealaichte.
'S e an dòchas a tha aicese gun toir muinntir nan Eilean taic ri polasaidh a' phà rtaidh prìsean a chumail sìos ann an à iteachan far nach gabh carbadan a sheachnadh.
Tha draghan mu dheidhinn chosnaidhean aig cridhe an taghaidh anns na h-Eileanan - ach ciamar a ghabhas eaconomaidh na sgìre a bhrosnachadh?
A-rèir tagraiche nan Là barach, Dòmhnall Iain MacSuain, is esan an duine leis a' phlana as fheà rr airson sin dhèanamh.
°ä±ô¾±Ã¹
Ach a bheil daoine a' creidsinn gu bheil comas aig tagraiche sam bith cùisean a dhèanamh nas fheà rr?
Thuit cliù luchd-poileataigs gu mòr ri linn sgaineal nan cosgaisean - rud a chuireadh na Tòraidhean ceart, a-rèir tagraiche a' phà rtaidh Sheena Norquay.
Ach, b' urrainn do fhearg le buill-pà rlamaid cothroman a thoirt do thagraichean eile.
Tha an neo-eisimileach, Murchadh Moireach - a sheas roimhe airson a' phà rtaidh Chrìosdail - den bheachd gu bheil sinn ann an suidheachadh sònraichte an turas-sa.
Ann an dòigh, tha poileataigs nan Eilean Siar eadar-dhealaichte bhon chòir den dùthaich.
Ach, ann an dòigh eile, tha i gu math coltach ri poileataigs na h-Alba air fad - dà phà rtaidh a' sabaid airson là mh-an-uachdair, ach dh'fhaoidte gur e a' bhòt airson nan daoine eile a nì an diofar eatorra.
Bidh aithris shònraichte à s na h-Eileanan an Iar air An Là , air ´óÏó´«Ã½ Alba a-nochd aig 8f. Bidh an treas aithris - à Inbhir Nis - air a' phrògram a-mà ireach.