Toiseach na h-Iomairt
Aig a' cheann thall, thòisich i.
As dèidh na coinneamh mu dheireadh aige leis a' chaibineat, chaidh Gòrdon Brown do Lùchairt Bhuckingham gus iarraidh air a' Bhanrigh pà rlamaid a sgaoileadh.
An uair sin, shiubhal an carbad aige an t-astar beag suas an rathad gu Srà id Dhowning airson teachdaireachd a thoirt don mhòr-shluagh.
Mus do thòisich e a' bruidhinn mu 1100, bha Dà ibhidh Camshron agus Nick Clegg air an luchd-taic acasan a bhrosnachadh mar-thà .
Tha na Tòraidhean agus na Lib Deamaich airson toirt air daoine creidsinn gum biodh cùisean na b' fheà rr nan robh an ceannard acasan ann an Àireamh a Deich às dèidh an taghaidh.
Mu thuath bha Ailig Salmond ag ullachadh airson na h-iomairt agus an SNP airson 20 ball a thoirt do Westminster - buidheann a dh'fhaodadh a bhith cumhachdail mura biodh mòr-chuid aig pà rtaidh sam bith.
Deasbadan
Mar a bha dùil, thèid an taghadh a chumail air an 6mh den Chèitean.
Tha sin a' fà gail beagan a bharrachd air ceithir seachdainean mus bi cothrom aig an luchd-bhòtaidh tighinn gu co-dhùnadh.
Tha aca, an toiseach, ri duine a thaghadh airson an riochdachaidh ann an Taigh nan Cumantan - chan eil sinn a' taghadh ceann-suidhe.
Ach, dh'fhaodadh gum bi ceannardan nam pà rtaidhean fiù 's nas cudromaiche am bliadhna na bha roimhe.
Airson a' chiad uair, thèid deasbadan telebhisein a chumail a bheir cothrom don luchd-bhòtaidh coimeas a dhèanamh eatorra.
Cha chinnteach fhathast dè am pà irt a chluicheas an SNP anns na deasbadan sin, ach dh'fhaodadh iad buaidh mhòr a thoirt air torradh an taghaidh.
Sgìrean targaid
Tha na cùnntasan-bheachd air teannachadh gu mòr anns na mìosan a dh'fhalbh a' fà gail gu bheil cuid a' bruidhinn mu phà rlamaid gun mhòr-chuid - rud nach do thachair o 1974.
Ann an Alba tha sinn air fàs gu math cleachdte ris an t-suidheachadh sin, nuair a bhios aig pà rtaidhean ri aonta a dhèanamh eatorra - chan eil Westminster cho cleachdte ris idir.
Ach, mus tachair sin, feumaidh an luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad.
Tachraidh an iomairt aig co-dhiù dà ìre - aig an ìre nà iseanta, agus aig an ìre ionadail, gu h-à raid anns na sgìrean targaid, far an dèan na pà rtaidhean tòrr den oidhirp aca.
Aig an deireadh, bidh aig an luchd-bhòtaidh ri roghainn mhòr a dhèanamh mu na daoine a bhios gar riaghaladh airson na bliadhnaichean a tha romhainn.
Thèid fà ilte a chur air na beachdan agaibhse air feadh na h-iomairt sin.