°ä±ô²¹³¦³ó-±ðò±ô²¹²õ
Chaidh am facal psephology a chleachadh a' chiad uair leis an fhear-eachdraidh Shasannach R.B. McCallum ann an 1952 gus bruidhinn mu sgrùdadh thaghaidhean.
Chleachd e am facal Greugach 'psephos', no 'clachag' leis gum b' ann le clach a b' à bhaist do na seann Ghreugaich bhòtadh.
'S e pà ipearan is chan e clachan a chleachdas sinn an-diugh, ach ann an dòigh, chan eil bhòtadh air atharrachadh gu mòr on uair sin.
Mar sin, às dèidh a' Chalumaich, dè mu dheidhinn clach-eòlas mar fhacal Gà idhlig airson sgrùdadh thaghaidhean?
Ma bhios moladh nas fheà rr agaibh, bu mhath a chluinntinn anns an dòigh à bhaisteach.
Anns an eadar-ama, ge-tà , dè tha aig na h-eòlaichean ri innse dhuinn mun taghadh a tha romhainn a-nis?
µþ±ðà °ù²Ô
Gus an tèid a sgaoileadh an ath-sheachdain, tha 646 buill ann an Taigh nan Cumantan - tha sin a' dol an à irde gu 650 am bliadhna.
Ann an 2005 bhuannaich na Là baraich an taghadh às dèidh dhaibh 356 buill fhaighinn - fada air thoiseach air na Tòraidhean a fhuair 198.
Fhuair na Lib Deamaich 62 agus an SNP 6.
Cha robh a' bheà rn eadar na fhuair na Là baraich agus na Tòraidhean ann am bhòtaichean ach 3% - 35.3% gu 32.3%.
Ach tha beà rn mhòr mhòr eatorra ann an seataichean.
Ged a tha iad air a bhith air thoiseach anns na cùnntasan-bheachd fad greis mhòir, is duilich do na Tòraidhean fhathast a' bheà rn sin a lìonadh.
Gluasad
A-rèir tuairmse, bhiodh gluasad de 6.9% a dhìth bho na Là baraich do na Tòraidhean airson mòr-chuid a thoirt do Dhà ibhidh Camshron.
Cha do thachair cà il mar sin ach turas on darna chogadh agus b' e sin ann an 1997.
Fiù 's nuair a bha a' bheà rn eadar na Là baraich agus na Tòraidhean na b' fharsainge, cha robh Mgr Camshron cho fada air thoiseach agus a bha Tony Blair ron taghadh sin.
Gu sìmplidh tha e nas fhasa do na Là baraich an taghadh seo a chall na tha do na Tòraidhean a bhuannachadh.
'S ann air sgà th sin a tha daoine a' bruidhinn mu phà rlamaid gun mhòr-chuid - suidheachadh a bheireadh cothroman ùra do na Lib Deamaich agus an SNP.
Chan e sin ach a' chiad leth den sgeul, ge-tà .
Sgìrean targaid
'S e an darna leth gun tachair pà irt mòr den iomairt anns na sgìrean targaid, na grunn sgìrean far a bheil na pà rtaidhean faisg.
Nì gach pà rtaidh oidhirp mhòr anns na sgìrean sin agus 's ann an sin a thèid an t-airgead aca a chosg cuideachd.
Ann an Alba tha 39 buill aig na Là baraich an-drà sta, 12 aig na Lib Deamaich, 7 aig an SNP agus 1 aig na Tòraidhean.
Tha aig na Là baraich ri grèim a chumail air na th' aca an Alba ma tha iad airson grèim a chumail air iuchraichean Àireamh a Deich.
Tha an SNP ag iarraidh 20 ball, na Lib Deamaich 4 a bharrachd agus na Tòraidhean nas motha na dìreach 1 a bhith aca.
Chan eil aig mìos aca ris na targaidean sin a ruighinn.