´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An sealladh bhon taobh eile

Niall O’Gallagher | 2010-06-02, 17:00

Tha Dàibhidh Camshron glè chleachdte ris an t-sealladh bho na beingean dùbhlanach aig Ceistean a' Phrìomhaire.

An-diugh fhuair e cothrom an sealladh fhaicinn bhon taobh eile.

Chòrd ris na buill Tòraidheach duine bhon phàrtaidh acasan fhaicinn a' freagairt nan ceistean airson a' chiad uair o 1997.

Agus bu choltach gun do chòrd e ri Mgr Camshron fhèin cuideachd agus ri Rùnaire nan Cùisean Cèin, Uilleam Hague, na shuidhe air a làimh chlì.

Chan eil mi cho cinnteach, ge-tà, gun do chòrd e ris an duine air a làimh dheis.

Feumaidh Nick Clegg fàs cleachdte ris an t-sealladh ùr aigesan cuideachd.

Israel

B' i Harriet Harman a thog na ceistean airson nan dùbhlanach, agus am Pàrtaidh Làbarach fhathast gun cheannard.

As dèidh dhi ceistean a fheagairt as leth an riaghaltais mu dheireadh iomadach turas, b' e sealladh ùr a bha seo dhise cuideachd.

Thagh i mar cheist an ionnsaidh le Iosrael air soithchean-cobhair ann an uisgeachan eadar-nàiseanta diluain.

Thuirt Mgr Camshron gur e caraid Israel a bha ann ach gum bu chòir don chasg air stuth a' dol gu Gaza tighinn gu crìch.

Thog Harriet Harman ceist cuideachd mu phlana an riaghaltais an lagh atharrachadh gus nach tèid daoine fo chasaid èigneachaidh ainmeachadh.

Na beachd, dhèanadh sin cron air misneachd nan cùirtean anns na theireadh boireannaich.

Aonta

Chaidh Mgr Camshron as àidhcheadh sin, agus dhìon e am plana a tha na phàirt den aonta leis na Lib Deamaich.

(Chaidh an t-aonta làn fhoillseachadh nuair a bha mise dheth - .)

Thug Harriet Harman air a' phrìomhaire polasaidh eile a dhìon, air lùghdachadh chìsean do dhaoine a tha pòsta.

Air a' chùis seo, thuirt i, bha Nick ag aontachadh leatha.

Leis na Lib Deamaich aig an aon taobh den t-seòmar cha b' fheudar do Mhgr Camshron ceistean a dh'fheagairt bho cheannardan dà phàrtaidh mhòir.

Chanainn gum bi e toilichte gu leòr le mar a chaidh e - dè ur beachdan fhèin ge-tà?

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.