´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dreuchd bhrònach

Niall O’Gallagher | 2010-06-04, 20:00

Dreuchd bhrònach don phrìomhaire an-diugh agus e fhathast gu math ùr na obair.

Thadhail am prìomhaire, agus Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, air Cumbria, dà là as dèidh nan ionnsaighean a dh'fhàg dà dhuine deug marbh.

Tha a' chuairt aca air sgaradh bheachdan adhbhrachadh, agus cuid den bheachd nach tàinig Mgr Camshron luath gu leòr.

Bha cuid eile glè thoilichte fàilte a thoirt dha.

Thadhail e air Ospadal West Cumbria, far an robh feadhainn a chaidh a leòn a' fàighinn cùram.

Agus chuala e bho phoileas na sgìre mun rannsachadh aca.

Gunnaichean

Tha na poilis - mar a tha a' choimhearsnachd air fad - a' feuchainn ri tuigsinn dè thug air Derrick Bird 12 duine a mharbhadh agus 11 a leòn mus do chuir e làimh ri bheatha fhèin.

An-diugh, thuirt Àrd-Chonnstabal Poileas Chumbria, Craig Mackey, nach robh cothrom aig na poilis stad a chur air Derrick Bird as dèidh dha na h-ionnsaighean aige tòiseachadh.

A-nis tha feadhainn ag ràdh gum bu chòir na laghan air gunnaichean atharrachadh.

Air làithean mar seo, 's dòcha, chan eil inneal sam bith eile aig luchd-poileataigs ach na faclan aca.

Bha aig Dàibhidh Camrshon ri faclan a lorg a bheireadh taic air choireigin don choimhearsnachd leòinte seo.

An-diugh, ge-tà, bu choltach nach robh na faclan ann a dhèanadh an gnothach.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.