Cruaidh...ach cothromach?
Dà phrìomh loidhne bhon chiad bhuidseat aig Seòras Osborne.
An toiseach, thèid VAT suas, ged a bhios greis ann mus tachair seo.
Bheir seo buaidh ag gach duine a bhios a' ceannachd stuth anns na bùithtean, agus 's ann air an fheadhainn as bochda a bhios a' bhuaidh as motha.
Chà in na Là baraich seo fiù 's mus deach a fhoillseachadh, agus tha e duilich do na Lib Deamaich a bha ag iomairt na aghaidh ron taghadh.
Ann an litir do bhuill a' phà rtaidh a-raoir, thuirt Nick Clegg gur e am buidseat seo fear dhe na rudan as duilghe a bhiodh aca ri dèanamh a chaoidh.
Ach chan ann dìreach orrasan a bhios an duilgheadas.
Socharain sòisealta
Thuirt an Seansalar gun robh am buidseat aige 'cruaidh ach cothromach'.
Tha aonta ann gum bi e cruaidh air daoine, ach tha aig Mgr Osborne ri toirt air daoine creidsinn gu bheil e cothromach.
Bidh tòrr nach tèid le sin as dèidh dha nochdadh gun tigeadh 50% de na sà bhalaidhean a dh'iarras e bho shocharain sòisealta.
Thèid creidisean cìse, socharan cloinne, socharan taigheadais agus taic do dhaoine ciorramach uile a ghearradh.
Thuirt an Seansalar nach gabh na gearraidhean a sheachnadh.
Chan fhada gus am faic sinn a' bhuaidh air daoine - agus air a' cho-bhanntachd fhèin.