Duilleag bhà n?
Coinnichidh Tòraidhean na h-Alba ann an Dùn Bhlà thain a-mà ireach airson beachdachadh air polasaidhean ron taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
Tha am pà rtaidh a' dèanamh sgrùdadh air na polasaidhean aca fo stiùireadh Derek Brownlie, labhraiche ionmhais a' phà rtaidh aig Holyrood.
Ged a tha prìomhaire Tòraidheach a' fuireach aig Àireamh a Deich a-rithist, tha am pà rtaidh ann an Alba air tighinn fo uallach on taghadh.
A dh'aindeoin oidhirp mhòr ann an grunn sgìrean, cha do chur am pà rtaidh ach aon bhall-pà rlamaid do Westminster à Alba.
As dèidh mar a dh'fhà ilig air na Tòraidhean mòr-chuid fhaighinn, tha feadhainn a' cur coire air a' phà rtaidh mu thuath.
Agus a dh'aindeoin a cliù ann an deasbadan aig Holyrood, tha uallach air tighinn air Annabel Goldie cuideachd.
Toiseach tòisichidh
Tha mi a' tuigsinn gum bi am pà rtaidh a' tòiseachadh le 'duilleag bhà n' agus iad ag iarraidh bheachdan ùra bho luchd-à bhaisteach a' phà rtaidh.
Agus tha dà roinn gu sònraichte far am faodadh sinn atharrachadh fhaicinn.
'S iad a' bhunreachd agus ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô - agus tha an dà rud a' dol còmhla.
Gu sìmplidh, am bu chòir don phà rtaidh barrachd chumhachdan air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô iarraidh do Phà rlamaid na h-Alba, agus an uair sin, dè bu chòir dhaibh dèanamh leotha?
Tha mi a' tuigsinn gu bheil cuid anns a' phà rtaidh an Alba a' coimhead air na molaidhean aig Coinneach Calman mar thoiseach tòisichidh agus iadsan airson dol nas fhaide.
Chì sinn dè thig à s.