´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Rabhadh bho Mhìcheal Moore

Niall O’Gallagher | 2010-06-17, 15:21

Thàinig Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu Holyrood an-diugh airson coinnimh le luchd-gairm comataidhean na pàrlamaid.

Agus air an là nuair a dh'fhoillsich ciad roghainn na co-bhanntachd airson na dreuchd aige cur às do phroiseactan leithid £2bn, bha rabhadh aige don fheadhainn a bha an làthair.

Rinn e iomradh air easbhaidh na dùthcha - sin £155bn, no a-rèir Mhgr Mhoore, £2500 airson gach duine ann am Breatainn.

Mar sin, thuirt e, b' fheudar do Riaghaltas agus Pàrlamaid na h-Alba dèiligeadh ri "fìor ghearraidhean".

Aig an ìre-sa chan eil fhios againn dè cho mòr no cho domhainn a bhios na gearraidhean sin.

Ach 's cinnteach gu bheil iad a' tighinn, agus gun toir iad buaidh mhòr air eaconamaidh agus poileataigs na h-Alba.

Toiseach tòiseachaidh

Chan eil anns na gearraidhean a dh'fhoillsich Danny Alexander an-diugh ach toiseach tòiseachaidh.

An ath sheachdainn, foillsichidh Seòras Osborne buidseat èiginneach - rud a gheall e tro dh'iomairt an taghaidh.

An uair sin bidh fios againn dè thèid a ghearradh far buidseat Bhreatainn. Ach chan ionnsaich sinn dè na roinnean far an tèid na gearraidhean as motha a dhèanamh.

Mar sin dheth, bidh e fìor dhuilich innse, fiù 's an uair sin, dè a bhuaidh bheir na gearraidhean air na bhios aig Riaghaltas na h-Alba ri cosg.

Nan geàrradh Mgr Osborne dìreach ann an roinnean a tha fo smachd Westminster - Roinn an Dìon, mar eisimpleir - cha deidheadh buaidh a thoirt air buidseat na h-Alba.

Cha tachair sin. Agus fàgaidh rudan eile gum bi cùisean doirbh ann an Alba.

Cosnaidhean

Ann an Alba tha àireamh nas motha de dhaoine ag obair anns an roinn phoblaich.

Tha sin a' ciallachadh gun toireadh gearraidhean do bhuidseatan poblach buaidh mhòr air cosnaidhean ann an Alba agus nas lugha de dhreuchdan rim faighinn anns an roinn phrìbhitich.

Tha Rùnaire an Ionmhais ann an Riaghaltas na h-Alba eòlach air sin.

An-diugh sgrìobh Iain Swinney do cheannardan ag obair air feadh na roinne poblaiche ann an Alba, ag iarraidh orra sàbhalaidhean a dhèanamh.

Bheireadh na gearraidhean à Westminster buaidh, thuirt e, air gach pàirt den roinn phoblaich.

Bheir sin buaidh air an deasbad phoileataigeach ann an Alba cuideachd.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.