An treas duine agus an cogadh mì-shìobhalta
An-drà sta, tha am pà rtaidh Là brach a' feuchainn ri faighinn seachad air dithis a bha aig cridhe poileataigs Bhreatainn fad bhliadhnaichean.
Aig deireadh an t-samhraidh, bidh ceannard ùr aca a bhios a' feuchainn ri an cur air an rathad fada air ais gu Àireamh a Deich.
Ach, dìreach nuair a shaoil feadhainn gun robh linn Bhlair agus Bhrown seachad, nochd 'an treas duine' le sgeulachdan nan là ithean sin a tha air an toirt air ais gu meadhan na cùise.
Thèid eachdraidh-beatha Pheadar Mhandelson fhoillseachadh diaedaoin agus earrannan dhith a' nochdadh ann am pà ipear-naidheachd tron t-seachdainn.
Tha na criomagan a chunnaic sinn mar-thà a' toirt dhuinn blas de chùisean air cùl dorsan an riaghaltais mu dheireadh.
Agus, anns a' phà rtaidh Là barach fhèin, tha iad air a' cheòl a chur air feadh na fìdhle.
"Cogadh sìobhalta"
Bhruidhinn mi na bu thrà ithe ri buill pà rlamaid Albanach a' phà rtaidh aig Westminster.
Thuirt gin dhiubh dhomh nach robh daoine a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhar aig Peadar Mandelson idir, agus gur e sgeulachd bhaile bheag Westminster a bha innte, nach dèanadh diofar sam bith.
Chan e sin beachd a h-uile duine ge-tà .
Bha ball-pà rlamaid eile gu math feargach, ge-tà . Chà in e mar a bha Peadar Mandelson a' searmonachadh mu dhìlseachd fad bliadhna agus e a-nis air 'cogadh sìobhalta' adhbhrachadh anns a' phà rtaidh.
Faclan là idir dhà -rìribh.
Ma tha iad ceart, bidh aig ceannard ùr a' phà rtaidh Là baraich ri faighinn seachad air a' chogadh sin mus bi cothrom aca an t-sabaid airson Àireamh a Deich a thòiseachadh a-rithist.