´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

'Linn ùr' air fàire?

Gu ruige seo, tha an deasbad mu ghearraidhean airÌýa bhith gu math gann de fhiosrachadh.

Ron taghadh, cha robh na pàrtaidhean poileataigeach airson cus a ràdh mun deidhinn agus dragh orra gun deidheadh am peanasachadh leis an luchd-bhòtaidh.

Fiù 's as dèidhÌýciad bhuidseat Sheòrais Osborne mar sheansalair, cha d' fhuair sinn tòrr soilleireachd mu bhuaidh nan gearraidhean air seirbhisean - agus cosnaidheanÌý- ann an Alba.

A-nis, tha sin ag atharrachadh.

Sin as dèidh mar a chaidh fhoillseachadh air a' mhadainn.

Tha an aithris a' curÌýroghainnean duilich ro gach pàrtaidh phoileataigeach ann an Alba.

'Linn ùr'

Chaidh an t-ath-sgrùdadh seo a chur air dòigh gus taic nan Tòraidhean fhaighinn airson buidseat Albanach na bliadhna-sa.

Aig an àm, bha iadsan air an dòigh gun do ghabh Rùnaire an Ionmhais,ÌýIain Swinney, ris a' mholadh sin.

An-diugh, tha iad gu math riaraichte, agus Derek Brownlee ag ràdh gu bheil 'linn ùr' air fàire do chosgaisean agus seirbhisean ann an Alba.

Ma thèid gabhail ri molaidhean na h-aithisge, dh'fhaoidte gum bi daoine nam mìltean a' sireadh chosnaidhean ùra anns an linn ùir sin.

Airson a' bheàrn a lìonadh ann an ionmhasan na dùthcha, tha naÌýh-ùghdaranÌýag ràdhÌýgu feum an àireamh de chosnaidheanÌýanns anÌýroinn phoblaich an Alba a' crìonadhÌýle mu 5.7% ro 2014-15.

Dh'fhàgadh sin gun cailleadh suas gu 60,000 na cosnaidhean aca.

SeirbhiseanÌý

Tha Beveridge, McIntosh agus Wilson cuideachd den bheachd gu feum sùil ùr a thoirt air seirbhisean saor an asgaidh, leithid cùraim phearsanta agus òrdughan-cungaidh.

Agus, ged a tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gun tèid buidseat na ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð a dhìon mu dheas, tha an aithisg a' moladh nach bu chòir roinn shònraichte sam bith a dhìon bho na gearraidhean a tha ri teachd.

Tha mu not anns gach trì a chosgas Riaghaltas na h-Alba ga chosg air ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð.

Dh'fhaoidte gu bheil còmharraidhean duilich air fàire eadar Iain Swinney agusÌýRùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon.

Tha an aithisg ag iarraidh air an riaghaltas smaoineachadh a-rithist mu Uisge na h-Alba, a tha aig an ìre-sa anns an roinn phoblaich. Tha an Lib Deamach, Jeremy Purvis, a' creidsinn gunÌýdeidheadhÌý£150mÌýa shaoradh a ghabhadh cleachdadh air pròiseictan eile.

Agus, thaÌýan aithisgÌýa' toirt rabhadh don riaghaltas nach gabh reothadh na cìse còmhairle a chumail a' dol.

Taghadh

Tha an SNP air a ràdh mar-thà nach tèid Uisge na h-Alba a reic, agus tha Iain Swinney air iarrtas a dhiùltadh bho labhraiche nan Làbarach, Anndra Kerr, am buidseat aigesan fhoillseachadh nas tràithe.

Thuirt Mgr Swinney gun robh an aithisg a' sealltainn gu feum Holyrood barrachd chumhachdan fhaighinn airson eaconamaidh na h-Alba a chur am feabhas.

ThaÌýan SNPÌýairson 's gum bi bile airson sin a chur air dòigh troimhe ron taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha aig Mgr Swinney ri buidseat a chruthachadh stèidhichte air na cumhachdan a tha aca mar-thà.

Seo smuain dhuibh - tha an aithisg gu bheil stiùireadh a dhìth bhon riaghaltas agus bho phàrlamaid agus sin cho luath 's a ghabhas.

Ach, ann am bliadhna an taghaidh Albanaich,Ìýam bi iad comasach - no deònach - sin a dhèanamh?

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.