´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Soraidh Slàn Edwin Morgan

Niall O’Gallagher | 2010-08-19, 14:51

Bu chòir gur e Edwin Morgan a sgrìobh an dàn mu thiodhlacadh mac eile Ghlaschu, Jimmy Reid, a chaidh a chumail ann am Baile Ghobhainn an-diugh.

Ach b' ann an-diugh a thàinig an naidheachd gun do bhàsaich Morgan fhèin, a bha 90 bliadhna dh'aois, agus pneumonia air.

Bha Morgan tinn fad grunn bhliadhnaichean, ach chum e a' dol, a' sgrìobhadh agus a' foillseachadh bàrdachd gu deireadh a bheatha.

Am beachd mòran - agus nam bheachd fhèin - b' e Edwin Morgan am bàrd Albanach bu chudromaiche a sgrìobh on dàrna chogadh.

Chaidh sin aideachadh nuair a chaidh ainmeachadh mar a' chaid Scots Makar - no Bàrd Nàiseanta na h-Alba.

'S e là brònach a tha seo do Ghlaschu, do dh'Alba, agus do bhàrdachd fhèin.

Glaschu ùr

B' ann mu dheidhinn Edwin Morgan a bha fear dhe na pìosan bu tràithe a sgrìobh mi fhìn ann an Guardian Oilthigh Ghlaschu ann an 2004.

Ach thachair mi ris roimhe airson agallamh a dhèanamh anns an taigh aige ann an taobh siar Ghlaschu.

Dh'fhuirich e an sin fad bhliadhnaichean gus an do dh'fhàs e ro thinn a bhith na aonar.

Bha gach balla còmhdaichte le leabhraichean, bhon ùrlar don mhullach, agus an còrr den àite na thaigh-tasgaidh on àm a chaidh a thogail, nuair a bha na flataichean sin nan sàmhla den Ghlaschu ùr a bha ag èirigh bho sgrios a' chogaidh.

Shuidhe sinn sìos anns an t-seòmar suidhe agus thuirt e 'siuthad'.

Tron uair a bha againn còmhla, bha e modhail, fosgailte, cuideachail.

Bho Ghlaschu gu Saturn

Sgrìobh Morgan air iomadh cuspair, ann an iomadh dòigh.

Thug e guth do rudan gun ghuth anns an 'Apple's Song' agus 'The Loch Ness Monster's Song'.

Sgrìobh e sonaidean mu dheidhinn Ghlaschu, ach chaidh a bhàrdachd bho Ghlaschu gu Saturn - b' e sin tiotal fear dhe na leabhraichean aige - no gu planaidean eile, ann am 'The First Men on Mercury.'

Rinn e dàin gaoil a bha a-measg na rudan a b' ainmeile a dh'fhoillsich e.

Eadar-theangaich e dàin bho iomadh cànain gu Beurla agus Albais agus bha cliù eadar-nàiseanta aig na dàin aige fhèin.

Agus ro dheireadh a bheatha sgrìobh e dàin a chaidh a chleachdadh le luchd-ciùil, leithid a' chòmhlain Idlewild agus an t-seinneadair traidiseanta Karine Polwart. 

Bàrd Nàiseanta na h-Alba

An-diugh bha am prìomh mhinistear a-measg an fheadhainn a rinn luaidh air Edwin Morgan.

Thuirt Ailig Salmond gun robh e 'na dhuine mhòr, na bhàrd air leth, na bhrosnachadh do dhaoine eile agus na roghainn gu tur iomachaidh mar chiad Bhàrd Nàiseanta na h-Alba'.

Thuirt Bàrd na Cùirte, Carol Ann Duffy, gun robh e na 'fhìor mhac bàrdachd, air a bheanachadh leatha'.

Nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh, sgrìobh e dàn anns an robh teachdaireachd shìmplidh don fheadhainn a bhiodh ag obair na broinn - 'Open the doors and begin.'

Tha obair na pàrlamaid air leantainn tro na sia bliadhna o chaidh an dàin sin a' leughadh anns an t-seòmar-deasbaid.

Mairidh bàrdachd Edwin Morgan cho fada a leanas an obair sin anns an àm ri teachd.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.