Co-dhùnadh RET air fà ire
Tha dùil ri co-dhùnadh a dh'aithghearr mun sgeama RET a tha a' ruith anns na h-Eileanan Siar, Tiriodh agus Colla.
Chuala Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gu faodadh sinn ionnsachadh an ath-sheachdainn an tèid an sgeama an leudachadh.
Thig an sgeama pileat gu crìch anns a' Mhà rt an ath-bhliadhna - dìreach beagan sheachdainnean bhon taghadh Albanach.
'S e sgìre gu math teann a bhios anns na h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.
Abair deagh naidheachd do mhuinntir nan Eilean nan deidheadh an sgeama a leudachadh - ach dè mu dheidhnn a' chòrr den dùthaich?
Cumaidh ur sùilean air a' bhlog seo airson na naidheachd nuair a thig i.