´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Co-labhairt nan Lib Deamach: Air cùl dhorsan

Niall O’Gallagher | 2010-09-20, 11:24

Nick Clegg

Ìý

Fhuair mi cothrom beagan farchluais a dhèanamh air an leas-phrìomhaire Nick Clegg a-raoir, agus e a' bruidhinnÌýaig coinneamh Lib Deamach Albanach agus Cuimreach aig a' cho-labhairt ann an Liverpool.

Thuirt Mgr Clegg gun robh na Lib Deamaich an Alba - far an robh na Lib Deamaich ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean gu 2007 - air dearbhadh gun robh 'beatha as dèidh naÌýco-bhanntachd'.

Na bheachd, b' urrainn do Lib Deamaich ann an Alba agus anns a' Chumirigh Sasainn a theagasg mu dheidhinn co-bhanntachd.

Nas cudromaiche, 's dòcha, tha Mgr Clegg an dòchas gu bheil freagairt aig Mgr Scott ris a' cheist a tha aig tòrr dhaoine a tha cruinnichte ann an Liverpool an t-seachdainn-sa.

Sin, ciamar as urrainn do na Lib Deamaich pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd le pàrtaidh nas motha gun an ìomhaigh aca mar phàrtaidh fa leth a chall?

Ma bhios freagairt aig Mgr Scott, tha aige ri a lorg a dh'aithghearr.

Misneachd

Còrr is trì bliadhna on a bha Tavish Scott na mhinistear ann an riaghaltas leis na Làbaraich, 's e a' cho-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster a tha a' cur dragh air Lib Deamaich ron tagadh Albanach.

Tha tòrr dhiubh air innse dhomh gum biÌýan taghadhÌýsin duilich do na Lib Deamaich air sgàth feirge mun aonta leis na Tòraidhean.

A dh'aindeoin sin, ge-tà, thuirt Tavish Scott a-raoir gun cuireadh iad ris na seataichean a tha aca aig Holyrood mar-thà.

Abair misneachd.

'S e deagh thoradh dhà-rìribh a bhiodh sin do na Lib Deamaich ann an Alba an ath-bhliadhna.

Tuilleadh as dèidh òraid Nick Clegg feasgar.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.