Co-labhairt nan Lib Deamach: Tavish Scott
Anns an òraid aige aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an-diugh, thòisich Tavish Scott iomairt a’ phà rtaidh airson an taghaidh as duilghe dhaibh o chionn bhliadhna.
Ìý
Sin taghadh na PÃ rlamaid Albanaich an ath-bhliadhna.
Ìý
On a chaidh na Lib Deamaich a-steach gu co-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster, tha daoine air a bhith ag rà dh gun tèid an sgrios nuair a thèid muinntir na h-Alba do na bogsaichean-baileit anns a’ Chèitein.
Ìý
Chan eil mi fhìn cho cinnteach mu dheidhinn sin – gu tric bidh Lib Deamaich air Ghà idhealtachd agus anns na h-Eileanan a’ faighinn taic pearsanta bhon mhòrshluagh a dh’fhaodadh an dìon bho fhearg leis a’ phà rtaidh anns an fharsaingeachd.
Ìý
Ach gu prìbhiteach, tha Lib Deamaich Albanach ag aideachadh gum bi an taghadh Albanach duilich dhaibh, gu h-à raid ann am meadhan na h-Alba agus anns na bailtean mòra.
Ìý
Tha fios aig Tavish Scott fhèin air seo cuideachd.
Ìý
‘Beachdan ùra’
Ìý
Mar sin, dh’fheuch e anns an òraid aige ris a’ phà rtaidh Albanach a bhrosnachadh agus ri mìneachadh don luchd-bhòtaidh carson a bu chòir dhaibh taic a thoirt do na Lib Deamaich.
Ìý
Thuirt e gum b’ iad cosnaidhean, atharrachadh sheirbhisean pòblach agus foghlam na rudan a bu chudromaiche airson na h-ath-phà rlamaid.
Ìý
Rinn e a dhìcheal gus sealltainn gun robh na Lib Deamaich diofraichte bho na Tòraidhean, ag rà dh gum bu chòir cur às do shiostam armachd niùclasaich Trident.
Ìý
Agus rinn e iomradh air an agallamh a rinn mi fhìn le Teà rlach Ceanadach an t-seachdainn a chaidh ag rà dh gun robh e ceart ri rà dh gun do chosg e nas motha seirbhisean a thoirt seachad an sgìrean iomalach, leithid na Gà idhealtachd ’s nan Eilean.
Ìý
Thug e slaic an dà chuid air na Là baraich agus air an SNP, ag rà dh gun robhÌýfeum aig Alba air pà rtaidh le ‘beachdan ùra’.
Ìý
Ach tha sin a’ togail ceist duilich do Mhgr Scott.
Ìý
Trioblaid
Ìý
Ma bhios na Lib Deamaich an sàs anns an ath riaghaltas Albanach, ’s ann mar phà irt de cho-bhanntachd air choireigin a bhitheas e.
Ìý
Agus, ged a bha e a’ toirt slaic orra an-diugh, ’s ann leis an SNP no na Là baraich a bhiodh a’ cho-bhanntachd sin.
Ìý
Tha Nick Clegg air trioblaid adhbharachadh dha fhèin agus daoine a’ cur na chuimhne rudan a thuirt e mu Dhà ibhidh Camshron ron taghadh.
Ìý
’S dòcha gum bu chòir do Thavish Scott a bhith beagan nas fhaiceallaiche.
Ìý
A-mà ireach, cluinnidh sin bho Nick Clegg, leas-prìomhaire ann an riaghaltas Westminster.
Ìý
Ma tha Tavish Scott gu bhith na leas-phriomh mhinistear as dèidh an taghaidh Albanaich, ’s e bliadhna mhòr, dhuilich a tha roimhe.