´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

A' fosgladh leabhair ùir

Niall O’Gallagher | 2010-09-09, 7:58

Thàinig faireachdainn neònach orm an-dè nuair a ghabh mi leabhar-nòta ùr bhon phreas agus sgrìobh mi na faclan 'Taghadh 2011' air a' chòmhdach.

'S i an tìm a ruitheas.

Ach a-nis tha barrachd fiosrachaidh againn mun iomairt a tha romhainn, fiosrachadh air am bi an dà chuid luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd a' toirt sùil gu math geur.

Rinn an t-Àrd Ollamh David Denver sgrùdadh air na dh'fhaodadh tachairt nan robh air an cleachdadh aig an taghadh Albanach mu dheireadh ann an 2007.

Niste, feumaidh sinn a bhith air leth faiceallach le seo - nan robh na crìochan ùra ann bhiodh dol a-mach eadar-dhealaichte aig na pàrtaidhean poileataigeach agus aig co-dhiù cuid den luchd-bhòtaidh.

Aig a dh'aindeoin an rabhaidh chudromaiche sin, 's e sgrùdadh air leth inntinneach a tha ann - .

Tomhas

A-rèir na h-aithisg, dh'fhaoidte gum biodh trì seataichean a bharrachd aig na Tòraidhean nan robh na crìochan ùra gan cleachdadh ann an 2007.

Tha an t-Àrd Ollamh Denver a' tomhas gum biodh dà sheat na bu lugha aig na Làbaraich agus fear a bharrachd aig na Lib Deamaich.

B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha fhathast, a dh'aindeoin mar a chailleadh iad fear de na seataichean a tha aca an-dràsta.

Chumadh am ball neo-eisimileach, Margo NicDhòmhnaill, an seat aicese, ach chailleadh na h-uinich fear den dithis bhall a tha acasan.

'S iad dìreach na prìomh phuingean, agus feumaidh sinn cùram a ghabhail leotha.

Ach tha dealbh raon blàr na h-ath-bhliadhna a' fàs nas soilleire.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.