Teà rlach Ceanadach a' bruidhinn a-mach
Bha fios gun robh Teà rlach Ceanadach draghail mun aonta eadar am pà rtaidh aige fhèin agus na Tòraidhean.
Gu dearbh, mar a chuir e nam chuimhne an-dè, cha do chuir e taic ris an aonta nuair a thà inig e gu bhòt.
A-nis, ge-tà , tha seann-cheannard nan Lib Deamach air na beachdan aige a dhèanamh glè fhollaiseach.
Ron taghadh bha Mgr Ceanadach ag rà dh nach bu chòir gearraidhean a dhèanamh ro luath - mar a bha na Lib Deamaich uile.
On uair sin, tha ceannas a' phà rtaidh air am beachd atharrachadh - ach tha tòrr anns a' phà rtaidh fhathast draghail.
A' bruidhinn rium as dèidh na h-òraid bliadhnail aige mar Rector Oilthigh Ghlaschu an-dè, thug Teà rlach Ceanadach rabhadh seachad mu bhuaidh nan gearraidhean sin, gu h-à raid air Alba, agus air a' Ghà idhealtachd.
Cìsean Oileanach
Thog an Ceanadach dragh cuideachd mu chìsean nan oileanach agus gearraidhean ann am buidseatan nan oilthighean.
Tha foghlam fo smachd Holyrood, ach thuirt Mgr Ceanadach gun toireadh à rdachadh chìsean mu dheas droch bhuaidh air oilthighean mu thuath.
Tha gach pà rtaidh a' feitheamh air aithisg a' mhorair Bhrowne a tha a' sgrùdadh na cùise, agus tha cead aig na Lib Deamaich bhòtadh a sheachnadh mura bi iad toilichte le polasaidh an riaghaltais.
Cha b' urrainn do Mhgr Ceanadach innse dhomh mar a bhòtadh esan.
Nochaidh Teà rlach Ceanadadh air an à rd-ùrlar le Nick Clegg aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an ath-sheachdainn gus sealltainn gu bheil am pà rtaidh aonaichte.
Ach tha faclan a' Cheanadaich a' dearbhadh gu bheil sgaraidhean ann, agus iad aig cridhe na co-bhanntachd cuideachd.