Toiseach ùr bho ghinealach ùr
'S e amas ceannard ùr nan Là barach nach mair riaghaltas na co-bhanntachd na b' fhaide na aon phà rlamaid.
Tha aig Ed Miliband ri co-dhiù dà rud a dhèanamh gus an t-amas sin a ruighinn.
Air an aon là imh, tha aige ri cuid de na 5 millean neach-bhòtaidh a chaill na Là baraich o 1997 - tòrr dhiubh nach deach do phà rtaidh sam bith eile - fhaighinn air ais.
Agus air an là imh eile tha aige ri taic fhaighinn bho dhaoine a chuir taic ri pà rtaidhean na co-bhanntachd, a dh'fhaodadh a bhith teagmhach mu cheannard a chaidh a thaghadh mar thoradh air taic nan aonaidhean-ciùird.
'S e tomhas duilich a bhios a dhìth air Ed Miliband, gu h-à raid le cuid dhe na meadhanan a' cantainn 'Ed Dearg' ris.
Bha rudeigin do gach taobh anns an òraid aige an-diugh.
Teachdaireachd
Aig a' cheann-thall, thuirt ceannard a' phà rtaidh Là baraich gun robh cogadh Iorag ceà rr - dh'fhà g tòrr dhaoine a' phà rtaidh air a sgà th, agus bidh Ed Miliband an dòchas gun tig cuid dhiubh air ais.
Aig a' cheard à m, thuirt e - na mhac inimirichean - gum b' fheudar do na Là baraich tuigsinn gun robh daoine eagallach mu inimrich air sgà th na buaidh orrasan agus chan ann air sgà th mì-rùin.
Thuirt e gun toireadh e sùil air planaichean an riaghaltais gus siostam nan sochairean soisealta atharrachadh agus gu feum atharrachadh.
Ach thuirt e gun robh dleastanas air an fheadhainn as beartaiche cuideachd, agus nach bu chòir beà rn cho mòr eadar daoine beartach is daoine bochda.
Tron òraid air fad, cha d' rinn Ed Miliband iomradh air an leas-phrìomhaire, Nick Clegg idir.
Ach bha teachdaireachd innte don fheadhainn a chuir taic ris, ag rà dh gun bhòtadh esan airson AV, agus gun robh na Là baraich ceà rr gu tric air saorsa chatharra.
Astar
Thuirt Ed Miliband gun robh 'ginealach ùr' a-nis aig ceann a' phà rtaidh Là baraich.
Bha e a' feuchainn ri astar a chur eadar e fhèin agus là ithean nan 'Nua-Là barach', Tony Blair agus Gòrdon Brown.
Ach, thuirt e gun robh a shùil air Dà ibhidh Camshron cuideachd.
A dh'aindeoin aois, thuirt e Ed Miliband gun robh ginealach eadar e fhèin agus am prìomhaire anns na beachdan aca agus an dòigh anns an robh iad a' coimhead air an t-saoghal.
Bha rudeigin brònach mu na faclan sin airson a bhrà thar, Dà ibhidh, an duine as coltaiche an dreuchd fhaighinn, a tha a-nis a' beachdachadh air na tha air fà ire dha fhèin.
Ach gu math tric ann am poileataigs, chan e an duine as coltaiche a bhuannaicheas. Tha aire Ed Miliband a-nis air taghadh fiù 's nas duilghe.