Aig a' cheann thall...
Tha barrachd fios againn a-nis mu na gearraidhean a tha an riaghaltas ag ullachadh.
O chionn fhada tha luchd-poileataigs air a bhith a' bruidhinn mun dèidhinn gun sguir.
Ach, tro iomairt an taghaidh cha robh na pà rtaidhean deònach innse dhuinn dè dìreach a gheà rradh iad, air eagal 's gun dèidheadh am peanasachadh leis an luchd-bhòtaidh.
Fiù 's as dèidh an taghaidh, aig a' chiad bhuidseat aig Seòras Osborne, cha d' fhuair sinn ach an dealbh a b' fharsainge mu na bha air fà re.
Gheibh sin am fiosrachadh as mionaidiche nuair a bruidhneas an Seansalar air beulaibh Thaigh nan Cumantan air an 20mh là den Damhair.
Ach an-diugh aig a' cheann-thall, ionnsaich sinn mu fhear de na gearraidhean sin.
Sochair-chloinne
Bho 2013, chan tèid sochair-chloinne a phà igheadh do dhaoine a phà igheas a' chìs cosnaidh aig an à rd-ìre - sin 40% no 50%.
Thuirt an Seansalar gun toireadh sin buaidh air daoine a bhios a' cosnadh £44,000 no nas motha - a' fà gail gum bi aige ris an ìre aig am bi daoine a' pà igheadh na h-à ird-ìre a chur suas.
Tha Mgr Osborne ag rà dh gu bheil seo a dhìth gus pà igheadh airson atharrachaidh mhòr do siostam nan sochairean sòisealta.
Tha Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn airson buidseat nan sochairean a thoirt anuas - ach bidh aige an riaghaltas ri airgead a chosg mus faigh iad sà bhalaidhean air ais.
'S i a' cheist a-nis dè their na pà rtaidhean eile mu dheidhinn seo, gu h-à raid na là baraich fon cheannard ùr aca, Ed Miliband.
Agus, am bi seo am patran a leanas an riaghaltas leis na gearraidhean eile a thèid fhoillseachadh anns na beagan sheachdainnean a tha romhainn.