An trioblaid le fònaichean-là imhe
Cha robh cead againn camara a thoirt a-steach do choinneamh nan Tòraidhean Albannach aig a' cho-labhairt am Birmingham a-raoir.
Bu bheag an diofar anns na là ithean seo,Ìý agus fòn le camara aig a h-uile duine.
B' ann mar sin a ghlac mi am prìomhaire air camara a' toirt dùbhlain don SNP air neo-eisimileachd.
Thuirt Mgr Camshron gun robh e a' coimhead air adhart ri sabaid ann an iomairt an referendum nan robh an SNP deònach a thoirt air adhart.
Bidh cuimhne agaibh gun do chuir an SNP bile an referendum don dà rna thaobh as dèidh dha fàs follaiseach gun bhòtadh na dùbhlanaich aig Holyrood na aghaidh.
A-measg na feadhna sin,Ìýbha Annabel Goldie agus cà raidean eile Mhgr Chamshroin aig Holyrood.
Cumhachd
Air an rèidio sa mhadainn, dh'atharraich am prìomhaire an loidhne aige, ag rà dh gun robh e an aghaidh neo-eisimileachd agus an aghaidh referendum air a' chùis cuideachd.
Tha an SNP ag rà dh gu bheil na Tòraidhean troimhe-chèile leis gur iad a chuir stad air an referendum anns a' chiad dol a-mach.
Chan eil cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba, tha na nà iseantaich ag rà dh, referendum a thoirt air adhart gun thaic na pà rlamaid.
Ach an e an fhìrinn nach robh am prìomhaire gu tur soileir na inntinn fhèin mun dòigh anns an robh cùisean ag obair mu thuath?
No, 's dòcha, gun robh Mgr Camshron dìreach a' bruidhinn ris an luchd-taic aige fhèin?
An ath-thuras, 's dòcha gum bi againn ris na fònaichean againn fhà gail an aig an doras cuideachd.