³§±ôà ¾±²Ô³Ù±ð, foghlam
Tha foghlam agus ²õ±ôà ¾±²Ô³Ù±ð a-measg nam roinnean as motha a tha fo smachd na Pà rlamaid Albannaich.
Bu bheag an t-iognadh, mar sin, gum b' ann air an dà chuspair sin a bha an deasbad aig a' chiad Cheistean don Phrìomh Mhinistear as dèidh an fhosaidh.
Thog Iain Gray ceist mu thidsearan sgoile.
Bha Mgr Gray fhèin na thidsear agus cleachdaidh e na ceistean aigesan gu tric airson bruidhinn mu stait nan sgoiltean.
An-diugh, dh'iarr ceannard nan LÃ barach air Ailig Salmond leisgeul a thoirt seachad do thidsearan nach d' fhuair cosnaidhean.
Thuirt e gun robh am prìomh mhinistear air 3000 cosnadh teagaisg a ghearradh mar-thà , agus sin mus buaill na gearraidhean buidseit.
Oilthighean
Dh'aidich am prìomh mhinstear gun robh suidheachadh duilich ro thidsearan a bha a' feuchainn ri obair a lorg
Cha robh Mgr Salmond deònach, ge-tà , leasanan a ghabhail bho Mhgr Gray air a' chùis ag rà dh gum b' ann an sgìrean fo smachd chomhairlean Là barach a bha cùisean a bu mhiosa.
Thog Annabel Goldie ceist mu dheidhinn ionmhas nan oilthighean.
Chuir ceannard nan Tòraidhean a taic-se ri gairm bho Oilthighean na h-Alba gum bu chòir do dh'oileanaich pà igheadh airson an cuid foghlaim.
Carson, dh'fhaighnich i, nach robh an SNP deònach gabhail ri beachd nan oilthighean fhèin?
Thuirt am prìomh mhinistear nach biodh aig oileanaich ri ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oileanach a phà igheadh ro riaghaltas an SNP - ach tha fios aige nach tèid a' chùis seo air falbh.
Manaidsearan
Ghluais Tavish Scott don bhuidseat as motha a tha fo smachd Holyrood.
Tha mu aon not anns gach trì a chosgas Riaghaltas na h-Alba ga chosg air ²õ±ôà ¾±²Ô³Ù±ð.
Aig a' cho-labhairt aca ann am Peart, thuirt an SNP gun robh iad airson na bha ann de mhanaidsearan anns an NHS a ghearradh.
Carson, mar sin, a bha an à ireamh de dhaoine a bha a' cosnadh còrr is £50,000 air a dhol an à irde fon SNP?
Thuirt Mgr Salmond gun robh barrachd dhaoine ag obair anns an NHS na bha ann an 2007.
Agus thug air slaic air là imhseachadh an NHS leis an riaghaltas Albannach mu dheireadh, anns an robh Mgr Scott an sà s.
Gearraidhean
As dèidh nan gearraidhean a dh'fhoillsich Seòras Osborne an t-seachdainn a chaidh, tha gach duine aig Holyrood a-nis a' feitheamh airson a' bhuidseit Albannaich.
Tha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ga ullachadh an-drà sta, agus tha dùil ris an ath-mhìos.
An uair sin, bidh aig Mgr Swinney ri mìneachadh don phà rlamaid ciamar a dhèiligeas e ris na gearraidhean anns a' bhuidseat aige.
Thuirt e gun dìonadh e AN NHS, agus cha bhi e airson airgead a thoirt far sgoiltean.
Bidh aig na pà rtaidhean eile ri mìneachadh dè dhèanadh esan na à ite.
'S ann air an deasbad sin a bhios taghadh na h-ath-bhliadhna an crochadh.
BeachdanFÃ g beachd
Feumaid aireamhean thidsearan a bhith a reir an ionmhas a gheibh sgoiltean. Mar a faigh sinn and t-ionmhas ...
Feumaidh na comhairlean doigh fhaighinn air na tidsearan na's sinne a legeil dheth is cothrom a thoirt than fheadhainn oga.