Bile na h-Alba II
Tha Riaghaltas na co-bhanntachd aig Westminster a-nis air Bile na h-Alba fhoillseachadh.
Bidh cuimhne agaibh gun deach ciad bhile na h-Alba eile a leanntainn le Achd na h-Alba agus an uair sin le Pà rlamaid na h-Alba fhèin.
Chan fhaic sinn atharrachaidhean cho mòr ri sin an turas-sa, ach ma thèid am bile troimhe thèid cumhachdan ùra a thoirt do Phà rlamaid na h-Alba a nì diofar mòr don dòigh anns an tèid Alba a riaghladh.
A dh'aindeoin sin, tha an SNP - agus na h-Uainich - mì-thoilichte leis a' phasgan de chumhachdan a tha Westminster a-nis a' tabhainn.
Thig an t-atharrachadh as motha do mhaoineachadh na Pà rlamaid - fon phlana thèid 10sg a ghearradh far na cìse cosnaidh an Alba agus bidh cothrom aig an riaghaltas an Dùn Èideann a cumail aig ìre nas ìsle, no a cur an à irde airson a' bheà rn a lìonadh.
Dè tha ceà rr le sin?
Dragh
Mar a bhiodh dùil, tha an SNP den bheachd nach eil am bile seo a' dol fada gu leòr.
Ach tha dragh sònraichte aca mun bhuaidh a bheir e air ionmhas na h-Alba anns an à m ri teachd.
Thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gum biodh barrachd dleastanais aig Holyrood fon phlana airson togail an airgead a bhios iad a' cosnadh.
Ach am beachd nan nà iseantach, dh'fhà gadh e gum biodh dleastanas aig Alba airson eaconomaidh na dùthcha gun na cumhachdan a tha a dhìth gus toirt oirre fà s.
'S ann air sgà th sin a tha ministearan air a bhith ag rà dh gum biodh Alba nas miosa dheth.
Chan e sin deireadh ne sgeòil ge-tà .
Cumhachdan iasaid
Mar phà irt dhen phlana, gheibh Alba cumhachdan iasaid airson a' chiad uair.
Tha Ailig Salmond air a bhith a' strì airson seo fad greis mhòir agus as bith cho mì-thoilichte agus a tha e le plana Choinnich Chalmain a tha air cùl a' bhile seo, cha bhi e airson an cothrom a chall gus na cumhachdan sin a thoirt do dh'Alba.
Tha fios aige cuideachd nach furasta do phà rtaidh nà iseantach cumhachdan eile a dhiùltadh.
Mar sin, chanainn gum faic sinn an SNP a' feuchainn ri buaidh a thoirt air susbaint a' bhile - mar eisimpleir ann an comataidhean aig Westminster - aig an dearbh à m agus a tha iad a' cumail a-mach gu bheil trioblaidean leis a' phlana anns an fharsaingeachd.
Bha an SNP airson LÃ Naomh Anndra 2010 a chleachdadh airson referendum air neo-eisimileachd a chumail.
Cha deach aca air sin a dhèanamh - ach is cinnteach a-nis gun tèid cumhachdan ùra a thoirt don phà rlamaid Albannaich, an t-atharrachadh as motha o Bhile na h-Alba I.