LÃ sneachdail aig Holyrood
Cha robh an t-seòmar aig Holyrood cho là n ris an à bhaist airson Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh, agus an sneachd a chur bacadh air cuid de na buill faighinn don chathair-bhaile.
Agus airson an fheadhainn a bha ann, b' i an droch thìde a' chuspair bu mhotha a chaidh a dheasbad.
A-measg nan ceannardan b' e Iain Gray an aon dhuine a thog ceist eile.
Dh'fhaighnich ceannard nan Là barach mu ghealltanas an SNP tuilleadh oifigearean poilis a chur air srà idean na h-Alba.
Thuirt Mgr Gray gun robh a' mhòrchuid de na poilis a chaidh fhastadh fon SNP ag obair ann oifisean seach air na srà idean.
Dh'fheagair Ailig Salmond gun robh an riaghaltas air an targaid aca - de 1000 oifigear ùr - a ruighinn, agus thug e slaic air eachdraidh Mhgr Gray mar mhinistear a' cheartais.
Prìomh chuspair
As dèidh sin, ge-tà , ghluais an deasbad don t-sneachda.
A' tionndadh air falbh bhon chath à bhaisteach, mhol Annabel Goldie na bha daoine a' dèanamh airson an cuid nà baidhean a chuideachadh.
Thug Mgr Salmond taing do cheannard nan Tòraidhean airson tionndadh do 'phrìomh chuspair na seachdain' - faclan iongantach as dèidh foillseachadh Bhile na h-Alba dimà irt.
Thog Tavish Scott ceist mu Phort Adhar Dhùn Èideann, a' faighneachd am b' urrainn don chathair-bhaile ionnsachadh bho phuirt-adhair na Gà idhealtachd a bha fosgailte a dh'aindeoin an t-sneachda.
Dh'innis Mgr Salmond dha gun robh cùisean aig port-adhair Dhùn Èideann dona dha-rìribh, agus gun robh luchd-obrach a' dèanamh an dìcheil fhosgladh a-rithist cho luath 's a ghabhas.
Uile gu lèir, là sneachdail an seo. Chì sinn am mair an sneachd nas fhaide nan aonta eadar co-dhiù cuid dhe na pà rtaidhean.