Ministear an t-sneachda
Tha rudan ann nach eil fo smachd an riaghaltais.
Chan abrainn gum faic sinn manifesto sam bith an ath-bhliadhna ag rà dh gun dèan iad an aimsir nas fheà rr.
Nam b' urrainn do phà rtaidh poileataigeach sin a dhèanamh, cha mhòr gum biodh taghaidhean a dhìth idir.
Ach tha ceistean a-nis gan togail mu fheagairt riaghaltas an SNP don tìde.
air Ministear na Còmhdhail, Stiùbhart Stevenson, airson coire a chur air an fhiosrachadh a fhuair iad bho Oifis na Sìde.
Agus dh'iarr ceannard a' phà rtaidh aig Holyrood, Iain Gray, air an riaghaltas mìneachadh carson a bha iad ceà rr mun t-sneachd an-dè.
µþù°ù²¹³¦³ó
B' fheudar do Mhgr Stevenson leisgeul a thoirt seachad as dèidh mar a chaidh luchd-siubhail a ghlacadh air na rathaidean a-raoir agus sgoilearan - nam measg feadhainn aig Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu - oidhche a chur seachad anns an sgoil.
Dh'innis Mgr Stevenson don BhBC an-diugh nach robh an riaghaltas deiseal airson an sneachd trom a bha againn an-dè, ag rà dh gun toireadh iad sùil air a' chomhairle a fhuair iad.
Ach thuirt Tavish Scott - aig an robh dreuchd Mhgr Stevenson anns an riaghaltas mu dheireadh - nach b' i a' chomhairle sin ach an riaghaltas fhèin a bu choireach airson an bùrach a chunnaic sinn ann an Alba an-dè.
Thuirt Mgr Scott gun robh comhairle Oifis na Sìde ga craoladh tron deireadh-sheachdain agus gun robh leisgeul Mhgr Stevenson "nas sleamhna na na rathaidean".
An turas mu dheireadh a bhruidhinn mi ri Mgr Stevenson, bu choltach gun robh an dreuchd aige mar Mhinistear na Còmhdhail a' còrdadh ris.
An-diugh, ge-tà , is coltach nach eil an dreuchd aige mar Mhinistear an t-Sneachda a' còrdadh ris idir.