´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ceist dhuilich do MhacIlleMhìcheil

Niall O’Gallagher | 2011-01-11, 11:11

An cuala sibh Alasdair Allan BPA air Aithris na Maidne an-diugh?

Bha e a' bruidhinn mu phlanaichean Riaghaltas Bhreatainn airson goireasan nam Maor-cladaich a ghearradh.

Fo na planaichean sin cha bhiodh ach aon stèisean mhaor-cladaich làn-ùine ann an Alba, stèidhichte ann an Obar Dheathain.

Bhiodh stèisean eile fosgailte tron là a-mhàin - ann an Steòrnabhagh no ann an Sealtainn.

Dhùineadh am fear eile.

Mar a bhiodh dùil, tha Alasdair Allan an aghaidh a' phlana seo.

²Ñò°ù³¦³ó³Ü¾±»å

Tha esan ag ràdh gu bheil na planaichean an aghaidh riaghailtean nam maor-cladaich fhèin - tha aig an luchd-obrach aca ri bhith eòlach air an sgìre anns am bi iad a' obair.

Am beachd an Dtr Allan, cha tachradh sin le dìreach dà stèisean airson Alba air fad.

Ach as bith a bheil e ceart na ceàrr, tha taghadh air fàire agus tha Alasdair Allan a' dìon mòrchuid theann anns na h-Eileanan an Iar.

Bidh esan airson sealltainnn gu bheil e a' dèanamh a dhìcheil airson seirbhisean agus cosnaidhean a ghlèidheadh anns an sgìre sin.

Bidh agus na Lib Deamaich a tha a' riochdachadh nan Eilean mu Thuath.

Ach, tha trioblaid eile acasan.

±·Ã ¾±°ù±ð

'S e Tavish Scott, ceannard Albannach nan Lib Deamach, ball pàrlamaid na h-Alba airson Shealtainn.

Tha esan air a ràdh mar-thà gum bu chòir do na stèiseanan ann an Sealtainn agus Steòrnabhagh cumail a' dol anns an àm ri teachd.

Tuigidh na càirdean aige mu dheas gu bheil aig Mgr Scott ri sin a dhèanamh agus cha chuir e cus nàire orra.

Ach tha cùisean fada nas duilghe do bhall pàrlamaid Westminster Arcaibh agus Shealtainn

Tha Alistair MacIlleMhìcheil na chuip a dh'fheumas taic a chur ri polasaidh an riaghaltais.

Am b' urrainn dha sin a dhèanamh ma mholas iad dùnadh stèisean Shealtainn?

TUILLEADH 1400

Tha oifis Alistair MhicIlleMhìcheil air innse dhomh nach urrainn dhaibh a ràdh dè dhèanadh e gus an tigeadh an co-dhùnadh mu dheireadh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.