Dè gheà rras sinn - feachdan, no oifigearan?
Tha e a' coimhead nas coltaiche a-nis gun tèid feachdan poilis na h-Alba a thoirt còmhla.
Cha tig an co-dhùnadh mu dheireadh ron taghadh, ach tha an riaghaltas ag rà dh nach urrainn do chùisean cumail a' dol mar a tha iad.
An-drà sta tha ochd feachdan poilis ann an Alba.
Dh'fhaoidte gun tèid iad uile a thoirt còmhla, no gun tèid an à ireamh de dh'fheachdan a ghearradh gu trì no ceithir.
Ged a dh'fhoillsich Coinneach MacAsgail grunn roghainnean an-diugh tha na Là baraich agus na Tòraidhean air an taic-san a chur ri feachd poilis nà iseanta mar-thà .
Ach tha feadhainn eile gu tur na h-aghaidh.
Seirbhisean
Tha Mgr MacAsgail a' creidsinn gun gabh airgead a shà bhaladh nan dèidheadh co-dhiù cuid de na feachdan poilis a thoirt còmhla.
B' fheà rr leis an à ireamh de dh'fheachdan a ghearradh, seach an à ireamh de dh'oifigearan.
Ach tha cuid eile draghail mun a bhuaidh a bheir seo air seirbhisean, gu h-à raid ann an sgìrean iomalach.
Nan dèidheadh cur à s, can, do Phoilis a Chinn a Tuath, an toireadh sin droch bhuaidh air seirbhisean air Ghà idhealtachd?
Tha na Lib Deamach a' creidsinn gun toireadh, ach dè ur beachd fhèin?
Thèid seo a thogail a-rithist mar chuspair aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean.
BeachdanFÃ g beachd
San trì mìosan suas dhan Dùbhlachd thuit eucoireach ann an Inbhir Narann 16.7% an taca ris an aon trì mìosan ann an 2009.
'S math a rinn Poilis Ceann a tuath agus tha fior thaic aca bhon choimhearsnachd againn
Ge b'e de thachras tha mi an dòchas nach bi sin a' toirt droch bhuaidh air an iomairt shoirbhicheil a tha siud.
oops, thuit 'eucoir' :-)