DÃ roghainn
Gheibh buill-pà rlamaid na h-Alba an ciad chothrom a-mà ireach bhòtadh air buidseat na bliadhna-sa.
Dearbhaidh e na bhios aig an ath riaghaltas ri cosg anns a' chiad bhliadhna dhen phà rlamaid ùir.
Anns an eadar-ama, ge-tà , bidh taghadh ann.
O chaidh riaghaltas an SNP a stèidhicheadh ann an 2007, bu duilich dhaibh buidseat fhaighinn troimhe agus iad gun mhòrchuid.
Dà bhliadhna air ais, b' fheudar dhaibh feuchainn turas eile as dèidh mar a thuit bile a' bhuidseit air bhòt an oifigeir riaghalaidh.
Ach dè thachras an turas-sa, agus an taghadh a-nis dìreach 100 là air falbh?
Malairt
Mar as à bhaist, bidh malairt ann, agus Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney ag iarraidh taic bho na pà rtaidhean eile.
Fon lagh, chan eil roghainn aig Mgr Swinney - 's ann airsan a tha an dleastanas buidseat a chur fa chomhair na pà rlamaid.
Ach le taghadh air fà ire, tha roghainn aig na pà rtaidhean eile.
'S urrainn dhaibh feuchainn ri duaisean fhaighinn bho Mhgr Swinney, duaisean a chòrdas ris an luchd-bhòtaidh.
Air neo, 's urrainn dhaibh bhòtadh an aghaidh a' bhuidseit gus cothrom a thoirt dhaibh coire a chur air na pà rtaidhean eile airson na bhios ann.
An turas-sa, ge-tà , chan eil tòrr dhuaisean aig Mgr Swinney ri toirt seachad a' fà gail gu bheil an dà rna roghainn a' coimhead nas tarraingiche.
Gearraidhean
Cuimhnich, chan eil smachd aig Iain Swinney air meud a' bhuidseit aige ach air an iomall.
Tha Mgr Swinney ag rà dh gu bheil e a' dèanamh a dhìcheil leis na cumhachdan a tha aige agus e a' cumail a-mach gu bheil barrachd a dhìth airson eaconomaidh na h-Alba a chur am feabhas.
Ach, tha na Là baraich ag rà dh gu bheil an SNP a' dèanamh obair Sheòrais Osborne, agus iad a' toirt air adhart ghearraidhean Tòraidheach.
Tha an teachdaireachd seo nas prìseile do na Là baraich na duais sam bith eile bho Mhgr Swinney agus mar sin dheth tha mi cinnteach gum bhòt iad na aghaidh.
Dh'iarr na h-Uainich air Mgr Swinney an smachd a tha aige air a' chìs chosnaidh a chleachdadh airson a' bheà rn a lìonadh. Cha chleachd, agus mar sin, is coltach gun bhòt iadsan na aghaidh cuideachd.
Mar sin dheth, tha gach sùil air na Tòraidhean agus na Lib Deamaich.
Taghadh
A-mà ireach, thèid a' bhòt troimhe.
Cha bhi a h-uile duine ann - tha ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, ann an Sealtainn airson Up Helly Aa, agus chan fhaigh e air ais ron bhòt.
Bidh feadhainn eile deònach bhòtadh a sheachnadh gus cothrom a thoirt do na comataidhean am buidseat a sgrùdadh ann am barrachd doimhneachd.
Ma thèid e don oifigear riaghalaidh, bhòt e air a shon aig an ìre-sa.
Ach mura tig iad gu aonta ron bhòt mu dheireadh, bhòtaidh Ailig Fearghasdan na aghaidh.
Nan tachradh sin, dh'fhaoidte gum bi an taghadh fiù 's na bu trà ithe - ach am bi iad deònach, saoil, sin a dhèanamh?