Connspaid nan sgoiltean
Chaidh aire a thoirt air falbh bho chonnspaid nan sgoiltean an Earra-Ghà idheal an-dè nuair a dh'fhoillsich Mìcheal Ruiseal diùltadh cead airson dùnadh ceithir sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.
Chleachd e na cumhachdan ùra aig mar Rùnaire an Fhoghlaim gus toirt air Comhairle nan Eilean Siar smaointinn a-rithistÌýmu Sgoil Chà rlabhaigh, Sgoil Sheileaboist agus mu na roinnean à rd-sgoile dà bhliadhna aig Lìonail agus Siabost.
Ach b' fheudar dha tighinn don t-seòmar anns a' chiad dol a-mach gus mìneachadh a thoirt seachad mun phà irt aige anns an trot mu dhùnadh sgoiltean an Earra-Ghà idheal.
Sin as dèidh mar a chaidh post-dealain dìomhar a' sgaoileadh anns an robh Mgr Ruiseal a' toirt rabhadh do chomhairlichean nà iseantach gun thaic a thoirt do dhùnadh 25 sgoiltean anns an sgìre.
Tha Mgr Ruiseal ann an suidheachadh neònach agus e na bhall airson AlbaÌýa Deas ach na thagraiche ann an Earra-Ghà idheal.
'S ann air sgà th sin a sgrìobh seann thagraiche nan Là barach anns an sgìre, Dà ibhidh Greumach, do Choimiseanair Inbhean na Pà rlamaid a' gearan gun do bhris Mgr Ruiseal na riaghailtean fo .
Doirbh
Tha dùil agamsa nach tèid gabhailÌýris a' ghearan.
Dhearbh oifis a' choimiseanair dhòmhsa nach eil gearanan fo earrann a h-ochd den chòd fon smachd aige, agus gun tèid a leithid de ghearanan a thoirt don Oifigear Riaghalaidh.
Chaidh Mgr Ruiseal as à idhcheadh gun d' rinn e cà il ceà rr agus e dìreach a' toirt beachd seachad mun chùis ann am post-dealain prìobhaiteach.
Thuirt e cuideachd gun tèid co-dhùnadh sam bith mu sgoiltean anns an sgìre a ghabhail le ministear eile - is coltach gurÌýann air Angela Constance a bhiodh an dleastanas seo.
Tha seo doirbh dha agus e coltach gun deach Rùnaire an Fhoghlaim an sàs ann an co-dhùnadh mu dhùnadh sgoiltean anns an dearbh à ite far a bheil e a' lorg taic ron taghadh.
Ach dh'fhaoidte nach dèan a' chonnspaid cusÌýcron air anns an à m ri teachd.
TaghadhÌý
Air Aithris na Maidne an-diugh thuirt Mòrag Rothach,ÌýbhoÌýChomhairle nan Eilean Siar,Ìýnach do chuir diùltadh Mhgr Ruiseal iongnadh oirre "o chionn tha sinn a' teannadh faisg air taghadh".
Chaidh i na b' fhaide, ag rà dh "tha sinn a' faicinn nach b' ann airson adhbhair foghlaim a bha e a' diùltadh gin de na sgoiltean seo a dhùnadh".
Bidh e an SNP a' tomhas gun dèan connspaid nan sgoiltean barrachdÌýfeum na cronÌýorra anns an dà sgìre, le pà rantan agus mar sin leis an luchd-bhòtaidh.
'S ann air sgà th sin a tha na pà rtaidhean eile an Earra-Ghà idheal cho feargach.
Aig a' cheann thall, gheibh muinntir nan sgìrean seo cothrom beachd a thoirt seachad nuair a thig an taghadh.
'S e ceist eile dè thachras do sgoiltean mar seo nuair a bhios an taghadh sin seachad.