Naoi seachdainean fada
Grunn smaointean as dèidh dhomh tilleadh gu Holyrood bho cho-labhairt Albannach nan Lib Deamach.
'S iad na Lib Deamaich a fhuair a' chiad chothrom am bliadhna-sa na polasaidhean agus an sgioba aca a chur fa chomhair a' mhòr-shluaigh.
Leis an taghadh dìreach beagan sheachdainnean air falbh, tha co-labhairtean na bliadhna-sa fiù 's nas cudromaiche nan à bhaist.
'S ann aig an taghadh sin a chì sinn dè a' bhuaidh a thug co-dhùnadh Nick Clegg co-bhanntachd a chruthachadh leis na Tòraidhean air a' phà rtaidh aige ann an Alba.
Tha na pà rtaidhean eile air a bhith ag rà dh gun tèid na Lib Deamaich a pheanasachadh gu mòr airson sin nuair a thèid muinntir na h-Alba do na bogsaichean-baileit.
'S e an dùbhlan ro Thavish Scott toirt air daoine a tha mì-thoilichte leis a' cho-bhanntachd aig Westminster chreidsinn gu bheil na Lib Deamaich Albannach eadar-dhealaichte.
³§²µÃ ¾±±ô
Anns an òraid aige ris a' cho-labhairt disathairne cha d' rinn Mgr Scott iomradh idir air Nick Clegg, Westminster air neo a' cho-bhanntachd.
Dh'innis e don phà rtaidh aige nach robh adhbhar aca a bhith eagalach ro bheachd an luchd-bhòtaidh.
Ach, cuiridh na rudan sin sgà il mhòr air iomairt a' phà rtaidh ann an Alba am bliadhna-sa.
Thuirt Mgr Scott gur iad an eaconomaidh agus foghlam na cuspairean as cudromaiche don phà rtaidh aige aig an taghadh seo.
Ach an cur an luchd-bhòtaidh earbsa annta air foghlam as dèidh mar a bhòt na Lib Deamaich airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oideachaidh a chur suas mu dheas?
Chan eil ach 9 seachdainn eadarainn agus an taghadh - ach do Mhgr Scott, 's e seachdainean fada a bhios annta.
BeachdanFÃ g beachd
'Anns an òraid aige ris a' cho-labhairt disathairne cha d' rinn Mgr Scott iomradh idir air Nick Clegg, Westminster air neo a' cho-bhanntachd.'
Mar a their an sean-fhacal: 'Is olc am bathar nach mol an ceannaiche.'
Tha am blog gu math inntinneach.