BPA (cha mhòr) air an aon rà bh mu phrìs a' chonnaidh
'S e prìs à rd a' chonnaidh tè dhe na cuspairean as trice a thèid a dheasbad air na prògraman naidheachd againne.
Agus is furasta sin a thuigsinn, agus i a' toirt buaidh air daoine a h-uile là , gu h-à raid ann an sgìrean iomallach.
An-diugh, chuir Pà rlamaid na h-Alba a h-ainm ris na tha de dhaoine ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn rudeigin a dhèanamh airson a lùghdachadh.
Tha ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô conaidh fo smachd Westminster.
Mar sin, chan urrainn do bhuill-pà rlamaid na h-Alba ach beachd a thoirt seachad.
Ach an-diugh, rinn iad am beachd gu math soilleir.
Teachdaireachd
Mar a bhiodh dùil, bhòt na h-Uainich an aghaidh a' ghluasaid gus iarraidh air Seòras Osborne cur às do dh'à rdachadh eile a tha air fà ire anns a' Ghiblean.
Ach bha na pà rtaidhean mòra aig Holyrood cha mhòr uile air an aon rà bh air seo.
Cha robh an Là baraich toilichte, ge-tà , mun iarrtas riaghaladair cìs a' chonaidh a stèidheachadh, agus iadsan ag rà dh nach biodh a leithid ag obair.
Mar sin, cha robh iad deònach taic a chur ris a' ghluasad.
A' bruidhinn riumsa as dèidh a' bhòit, thuirt BPA nà iseantach nan Eilean Siar nach robh e a' tuigsinn, agus nach biodh tòrr anns na h-Eileanan a' tuigsinn carson.
Ach am bi Dòmhnall Crichton toilichte le dol a-mach a chà irdean Là barach aig Holyrood agus e a' feuchainn ris na h-Eileanan fhaighinn air ais don phà rtaidh?
Uallach
Thuirt am prìomhaire, Dà ibhidh Camshron, gun robh e a' tuigsinn an uallaich a chuir prìsean à rda air luchd-drà ibhidh.
Ach tha uallach air a' cho-bhanntachd air a' chùis bho à ird eile.
Tha tòrr Lib Deamach Albannach aig Westminster a' riochdachadh sgìrean iomallach.
Nam measg, tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander (Inbhir Nis), Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore (na Crìochan) agus cuip na co-bhanntachd, Alistair MacIlleMhìcheil (Arcaibh is Sealtainn).
Tha fios aca gum bi cùisean duillich dhaibh aig an ath thaghadh - agus 's dòcha don chà irdean aca an seo aig Holyrood - mura tèid rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo.
Thèid an deasbad a-nis air ais gu Westminster.