´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Peairt...a-rithist

Niall O’Gallagher | 2011-03-23, 12:03

Nuair a choinnich Tòraidhean na h-Alba ann am Peart an uiridh bha dà amas aca.

Bha iad airson prìomhaire Tòraidheach a chur gu Sràid Dhowning agus barrachd bhall-pàrlamaid Albannach a chur do na Cumantan.

Bliadhna as dèidh sin, tha Dàibhidh Camshron aig Àireamh a Deich.

Ach tha Dàibhidh eile - Mgr Mundell - fhathast na aon bhall-pàrlamaid Albannach a tha aig na Tòraidhean aig Westminster.

Choinnich iad ann am Peairt air an deireadh-sheachdainn mus tèid luchd-bhòtaidh na h-Alba do na bogsaichean-baileit a-rithist.

'S e an t-amas aca an turas-sa cur ris na tha aca de sheataichean aig Holyrood.

Roghainn

Anns an òraid aicese disathairne, chaidh Annabel Goldie as àidhcheadh gun robh an taghadh seo na roghainn eadar Ailig Salmond agus Iain Gray.

Mhol i na fhuair na Tòraidhean anns a' phàrlamaid seo - air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô gnìomhachais agus àireamhan poilis - bho na còmhraidhean buidseit gach bliadhna le Iain Swinney.

Agus dh'iarr i air an luchd-bhòtaidh taic a chur riutha gus barrachd mar seo fhaighinn anns an àm ri teachd.

An turas-sa, chan eil Annabel Goldie a' diùltadh pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd le pàrtaidhean eile.

Ach b' i sin ceist airson là eile. Anns an eadar-ama, thuirt Annabel Goldie gun robh na Tòraidhean eadar-dhealaichte agus iad deònach a bhith onarach leis na luchd-bhòtaidh, mu shuidheachadh ionmhais na dùthcha gu sònraichte.

Nì muinntir na h-Alba an roghainn aca fhèin ann ceann seachd sheachdainnean.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.