´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Slat-thomhais an Eilein Sgitheanaich

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-12, 9:35

Air An Là a-raoir chaidh a' chiad aithris shònraichte againn a chraoladh bho sgìrean targaid an taghaidh Albannaich.

An turas-sa, bha Iain MacDiarmaid ag aithris bhon Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach.

Aig an taghadh seo, tha crìochan nan sgìrean air atharrachadh bho na chaidh a chleachdadh aig na taghaidhean Albannach ann an 1999, 2003 agus 2007.

Mar sin, gus comas a dhèanamh eadar an taghadh seo agus am fear mu dheireadh, tha againn ri bhòt 2007 a chunntadh a-rithist a-rèir nan crìochan ùra.

Ma nì sinn sin, chì sinn gu bheil na Lib Deamaich anns a' chiad àite, agus iad a' dìon mòrchuid de 2,784 anns an sgìre.

'S i a' cheist dè cho sàbhailte agus a tha a' mhòrchuid sin.

Cugallach

Tha i a' coimhead beagan nas cugallaiche, 's dòcha, as dèidh mar a chuir seann bhall-pàrlamaid Albannach na sgìre a thaic-san ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.

'S e Iain Fearchar Rothach a riochdaich an t-Eilean Sgitheanach o chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999.

Tha Mgr Rothach a' leigeal dheth a dhreuchd aig an taghadh seo - gur math a thèid leis.

Ach tha e a' fàgail na pàrlamaid aig àm gu math duilich don phàrtaidh aige.

'S e riaghailt phoileataigeach Bhreatainn gur e rud duilich a tha ann cuidhteas a dhèanamh air Lib Deamach a tha stèidhichte ann an sgìre ionadail.

Tha an SNP  - agus an tagraiche acasan Dàibhidh MacThòmais - an dòchas gun toir fàgail Mhgr Rothaich cothrom dhaibh an sgìre a ghabhail bhuapa.

Ionadail

Mar a mhìnich Iain MacDiarmaid air An Là agus air an-dè, bheir cùisean ionadail buaidh mhòr air thoradh an taghaidh anns an sgìre seo.

Ach bidh sùilean air cuideachd mar shlat-thomhais an taghaidh aig ìre nàiseanta.

Mas fìor na cunntasan bheachd, 's e taghadh duilich a tha air fàire do na Lib Deamaich agus feadhainn an Alba feargach mun càirdeas aca ris na Tòraidhean aig Westminster.

'S e tè dhe na ceistean as motha aig an taghadh seo an tuit bhòt nan Lib Deamach, agus ma thuiteas, càite an tèid i.

'S i a' cheist a tha agamsa, ge-tà, dè thachras don phàrtaidh air Ghàidhealtachd, àite a thagh Libearalaich fad na linntean.

Bidh toradh anns an Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach na phàirt mhòir den fhreagairt don cheist sin.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.