An cunntas as cudromaiche
Dè a bu chòir dhuinn dèanamh dhe na cunntasan-bheachd as ùir a tha a' sealltainn beà rn mhòr a' fosgladh eadar an SNP agus na Là baraich?
Cha bu chòir cà il, a-rèir pà rtaidh Iain Gray.
Tha iadsan ag rà dh gur e an cunntas as cudromaiche am fear air là an taghaidh fhèin.
Agus - gu ìre - tha iad ceart.
Chan eil duine air an taghadh seo a bhuannachadh fhathast.
Ach bheir cunntasan mar seo a' bhuaidh aca fhèin air taghaidhean. An turas-sa, tha iad air buaidh a thoirt air an iomairt mar-thà .
Dà bhòt
Tha na Là bà raich a' dol as à idhcheadh gun tug iad orra an iomairt aca fhèin atharrachadh an t-seachdainn-sa agus iad a' gluasad na h-ionnsaigh aca bho na Tòraidhean chun an SNP.
Tha iad ag rà dh cuideachd gu bheil iad a' sabaid gu cruaidh ann an grunn sgìrean targaid far a bheil na Là baraich agus an SNP faisg.
'S e an fhìrinn nach eil na cunntasan-bheachd ag innse dhuinn tòrr mu na thachras anns na sgìrean sin, far a bheil na iomairtean a' ruith bho thaigh gu taigh.
Agus, gheibh na Là baraich barrachd sheataichean bhon chiad bhòt na bhon liosta, a' fà gail gun cur iad cuideam nas motha air na sgìrean.
Aig a' cheart à m, tha bhòt gu math fallain a dhìth air an SNP bhon liosta, far am faigh iadsan nas motha de sheataichean, agus an luchd-taic aca nas sgapte tron dùthaich.
Ach a dh'aindeoin seo uile, tha dragh air na Là barach mu mheud na beà rn eadar an dà phà rtaidh agus dìreach seachdainn air fhà gail airson a dùnadh.
¶Ùò³¦³ó²¹²õ
Tha iad an dòchas a-nis gun tèid taic ùr nan nà iseantach a phutadh air falbh bhuapa leis an rabhadh aca mu neo-eisimileachd.
'S e an tuairmse a tha aca gu bheil tòrr dhen taic ùir seo a' tighinn bho dhaoine a tha an aghaidh neo-eisimileachd - coltach ris an Sun, a chuir taic ris an SNP an t-seachdainn a chaidh.
Le cuid dhe na cunntasan-bheachd a' sealltainn gu faodadh mòrchuid a bhith anns a' phà rlamaid ùir airson referendum (eadar an SNP agus na h-Uainich), tha na Là baraich ag argamaid gu bheil e ro chunnartach bhòtadh airson Ailig Salmond.
Tha an SNP a' freagairt, ag rà dh gu bheil mòrchuid de dhaoine an Alba airson referendum, as bith dè a' bheachd a tha aca air neo-eisimileachd fhèin.
Chan fhada o bha cuid anns a' phà rtaidh Là barach a' smaointinn gum biodh iad a' buannachadh aig an taghadh seo gun oidhirp sam bith.
Chan ann mar sin a tha cùisean a' coimhead an-drà sta. Biodh dùil agaibh ri oidhirp mhòr bho gach taobh anns an t-seachdainn mu dheireadh.