Salmond an aghaidh Gray
An-dè agus a' bhòn-dè, chaidh na h-agallamhan le Iain Gray agus Ailig Salmond a chraoladh air Newsnight Scotland.
Bha ceannard nan Là barach air a' phrògram Dimà irt agus ceannard an SNP air a' phrògram a-raoir.
'S iad an dithis as coltaiche grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do Thaigh a' Bhòid.
Tha ceannardan nam pà rtaidhean eile a' dol às à idhcheadh gu bheil an taghadh seo na roghainn eadar Mgr Salmond agus Mgr Gray.
Am beachd ceannard nan Tòraidhean, Annabel Goldie, chan e roghainn a tha sin idir, ach 'dilemma'.
Ach tha dùil aice, agus aig ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, gum bi aca ri dèiligeadh ri gin dhe na fireannaich seo as dèidh a' Chèitein.
Gearan
Bidh feadhainn a' gearan gu bheil aire nam meadhanan daonnan air an luchd-poileataigs fhèin seach na polasaidhean a tha iad a' cur adhart.
Do chuid, 's e seo as coireach airson daoine a phutadh air falbh bho phoileataigs.
'S dòcha gur e an fhìrinn a tha aca.
Ach, aig taghadh seo, tha cuid dhe na pà rtaidhean cho faisg air a chèile - air a' chìs chomhairle, mar eisimpleir, no air ionmhas nan oilthighean - gu bheil e doirbh taghadh eatorra, a' cur barrachd cuideim air na ceannardan.
Agus, chan eil na pà rtaidhean glè dheònach bruidhinn mu cuid dhe na rudan as cudromaiche - leithid nan gearraidhean a thig as dèidh an taghaidh - air eagal 's gun tèid am peanasachadh aig na bogsaichean-bhaileit.
Mar sin, èistibh riutha is dèan ur roghainn.