Bà taichean agus bhòtaichean an Earra-Ghà idheal
Chaidh an darna aithris shònraichte bho sgìrean targaid an taghadh a-mach air An Là a-raoir.
An turas-sa bha Andreas Wolff ag aithris à Earra-Ghà idheal agus Bòd.
'S e sgìre mhòr, fharsaing a tha seo, leis na diofar phà rtaidhean a' faighinn taic ann an diofar sgìrean.
Ach 's e an sabaid as motha an seo eadar na Lib Deamaich agus an SNP.
Choisinn Jim Mather an sgìre seo do na nà iseantaich bho Sheòras Lyon air ais ann an 2007.
Cha do chòrd sin ris na Lib Deamaich idir - agus tha iad gu mòr airson a faighinn air ais.
Cuspairean
B' e am blog seo a dh'fhoillsich an naidheachd gur e Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, a sheasadh don SNP aig an taghadh seo, agus Mgr Mather a' leigeil dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Ruiseal an dòchas gum faigh e buannachd bho fhearg mun cho-bhanntachd eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean aig Westminster.
Ach, mar a mhìnich Andreas Wolff anns phìos aigesan, , bidh cùisean ionadail air leth cudromach a-rithist.
Nam measg, tha dà chuspair a tha sinn air bruidhinn mun deidhinn gu tric anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.
'S iad ²úà ³Ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô-²¹¾±²õ±ð¾±²µ, agus sgoiltean dùthchail
Agus b' urrainn dhaibh buaidh mhòr a thoirt air toradh an taghaidh an seo.
Sluagh-ghairm
Bha connspaid an seo nuair nach deach sgeama RET a leudachadh air feadh Earra-Ghà idheal (chan eil e a ruith ach ann an Colla agus Tiriodh), agus na Lib Deamaich a' cà ineadh an SNP airson 'brìb' a thoirt do luchd-bhòtaidh nan Eilean Siar.
Agus tha dragh fhathast mu na tha air fà ire don t-seirbhis aiseig eadar Dùn Omhainn agus Gourock - cha tig co-dhùnadh air seo gus am bi an taghadh seachad.
Ann an 2007 b' e sluagh-ghairm nan nà iseantach an Earra-Ghà idheal 'barrachd bhòtaichean airson barrachd bhà taichean'.
Tha na Lib Deamaich, agus an tagraiche aca Alison Hay,Ìýan dòchas nach bi luchd-bhòtaidh na sgìre riaraichte le leasachadh sheirbhisean fon SNP.
Ach dh'fhaoidte gum faigh iad fhèin a' choire airson dùnadh sgoiltean na sgìre, as dèidh do bhuidheann an SNP tarraing a-mach bhon chomhairle.
Mar as trice, 's e Earra-Ghà idheal tè dhe na sgìrean mu dheireadh gus toradh fhoillseachadh aig à m an taghaidh. An turas-sa, dh'fhaoidte gum bi againn ri feitheamh airson toradh Earra-Ghà idheal mus ionnsaich sinn toradh an taghaidh air fad.