´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

A' bhòt air neo-eisimeileachd

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-04-12, 14:46

Aig a' cheann-thall, thàinig referendum air neo-eisimeileachd.

Bhòt 89.7% de dhaoine airson stàit neo-eisimileachd a stèidheachadh.

Ach chan ann mu dheidhinn Alba a tha mi a' bruidhinn, ach mu Chatalunya.

Didòmhnaich chaidh 'consulta' a chumail ann am Barcelona gus beachd an t-sluaigh fhaighinn air a' chùis.

Chan e referendum oifigeal a bha seo. Cha robh an còrr de na sgìrean Catalanach an sàs ann. Agus fiù 's ann am Barcelona, cha do bhòt ach 21.4% den t-sluagh - a' chuid, 's dòcha, a bu choltaiche taic a chur ri neo-eisimeileachd co-dhiù.

Tha an argamaid mu thoradh na bhòt seo a' leantainn.

Deasbad

Ach tha e ag innse dhuinn gu bheil neo-eisimeileachd na cuspair chudromach ann am poileataigs Chatalunya fhathast.

Chaidh riaghaltas nàiseantach a' phàrtaidh CiU a thaghadh do phàrlamaid fhèin-riaghalaidh na dùthcha anns an t-Samhain.

Ceithir bliadhna o chaidh riaghaltas nàiseantach an SNP a thaghadh an Alba, cha do thachair bhòt fhathast.

Tha an SNP ag ràdh gun cuir iad bile gus referendum a chumail fa chomair na pàrlamaid ma bhuannaich iad an taghadh seo.

'S e ceist eile dè cho mòr agus a bhitheas neo-eisimeileachd mar chuspair aig an taghadh seo.

Agus, am bu chòir barrachd deasbad a bhith againn air a' chùis mus tèid sinn do na bogsaichean-baileit. Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as àbhaist.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.