Ceannard na buidhne bige
Tha fios againn a-nis cò thogas na ceistean do na Lib Deamaich gach diardaoin anns a' Phà rlamaid Albannaich.
'S e Willie Rennie, ball ùr Mheadhan Alba agus Fìobha, a thèid fhoillseachadh mar cheannard Albannach a' phà rtaidh an-diugh fhathast.
Chan eil fios againn, ge-tà , cia mheud ceist a gheibh e, no cho tric 's a gheibh e cothrom ceistean a chur.
As dèidh mar a rinneadh sgrios orra aig an taghadh, chan eil ach còignear aig na Lib Deamaich anns an t-seòmar.
(Tha na h-oifisean aca air an dà rna ùrlar de thogalach nam ball, còmhla rin cà irdean Tòraidheach a rinn cùisean cho doirbh dhaibh - chì sinn cho cà irdeil agus a bhios cùisean eatorra.)
'S e a' cheist a tha aig Mgr Rennie ri freagairt an-diugh, dè an diofar a nì buidheann cho beag an aghaidh mòrchuid iomlan an SNP?