An deasbad a' gluasad
Uaireanan, bidh cuid a' gearan mu inbhne nan òraidean an seo aig Holyrood.
Chan eil iad a' gearan an-diugh, air an là nuair a chaidh Ailig Salmond ainmeachadh mar roghainn na Pà rlamaid Albannaich airson prìomh mhinisteir.
As dèidh na bhòt, anns am b' e ceannard an SNP an aon tagraiche, ghabh Iain Gray an òraid a b' fheà rr a chuala mi bhuaithe a-riamh.
Chuir e meal-an-naidheachd air Mgr Salmond, agus thuirt e gun robh dleastanas air gach ball - an dà chuid dùbhlanaich agus buill an SNP - sgrùdadh ceart a dhèanamh air an riaghaltas mhòrchuid ùr.
Bha Annabel Goldie na bu sgeagaiche agus i a' toirt rabhadh don phrìomh mhinistear nach biodh cothrom aige leisgeul a thoirt seachad nam fà iligeadh air gealltanasan a choilionadh - faclan airson là eile 's dòcha.
Chuala an seòmar cuideachd bho cheannard ùr nan Lib Deamaich, Willie Rennie, an uaineach Pà draig Harvie agus seann nà mhaid Mhgr Salmond, Margo NicDhòmhnaill.
Susbaint
An uair sin don phrìomh mhinistear fhèin.
Uaireanan, tha òraidean brèagha ach gun shusbaint, sgeadachadh gun bhrìgh no buaidh air an deasbad nà iseanta.
'S e òraid eadar-dhealaichte a bha seo.
Bha criomagan de bhà rdachd innte, agus Ailig Salmond a' comharrachadh ath-thaghaidh mar phrìomh mhinistear.
Ach cha robh e airson an cothrom seo a chall gus an deasbad air cumhachdan na pà rlamaid a thoirt air adhart.
Bha fios aige nach b' a-mhà in an fheadhainn a bha an là thair a bha ag èisteachd.
Liosta
Mhol e mar a chaidh Urdu, Eadailtis agus Arabais a chluinntinn anns an t-seòmar a bharrachd air Gà idhlig, Beurla agus Albais an t-seachdainn a chaidh, guthan ùra agus aosta na h-Alba a' tighinn còmhla.
Air an aon dòigh, dh'fheuch e ri guthan uile na pà rlamaid a thoirt còmhla gus taic a chur ri cumhdachdan ùra.
On taghadh, tha Mgr Salmond air a bhith a' moladh gluasad air trì roinnean - a' chìs corparaid, Oighreachd a' Chrùin agus cumhachdan iasaid.
An-diugh chuir e trì rudan eile ris an liosta sin - ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô-bhathair, craoladh agus an Roinn Eòrpa.
A-rithist, tha Mgr Salmond a-nis a' feitheamh air freagairt bho Àireamh a Deich.
Chan e guthan an luchd-poileataigs, ge-tà , ach guthan an luchd-bhòtaidh a tha air crathadh a thoirt air poileataigs na h-Alba - feumaidh gach taobh sealltainn gu bheil iad ag èisteachd.