Caillte anns an eadar-theangachadh
Dè a' Ghà idhlig a chuireas sibhse air 'Sectarianism'?
'S e 'grà in-chreidimh' a chleachdas sinne aig ´óÏó´«Ã½ Alba agus Rà dio nan Gà idheal.
Ach, an ann mu dheidhinn creidimh a bhios sinn a' bruidhinn agus sinne a' deasbad na claon-bhà igh a tha air cùl an fhòirneirt airson a chleachas cuid am ball-coise mar leisgeul?
Nuair a chaidh a' chùis a dheasbad le Seanadh Èirinn a Tuath, chuireadh i don dà rna taobh as dèidh mar a dh'fhà ilig orra tighinn gu aonta mu na bha am facal a' ciallachadh.
'S dòcha gur e sin an t-adhbhar nach eil e ann an tiotal .
Ach as bith dè an t-ainm a tha air, tha connspaid mun bhile seo agus gu sònraichte mun chlà r-ama.
³§²µ°ùù»å²¹»å³ó
Tha an riaghaltas airson am bile fhaighinn troimhe ro thoiseach seasan ùr a' bhuill-coise.
Fà gaidh sin dìreach cola-deug mus falbh BPA air saor-là ithean an t-samhraidh.
Gu h-à bhaisteach, gabhaidh e grunn sheachdainnean airson bile ùr fhaighinn tron phà rlamaid Albannaich, gus cothrom a thoirt do na comataidhean sgrùdadh a dhèanamh air agus fianais a chluinntinn bhon t-sluagh.
A-nis tha ceannard comataidh a' cheartais, am ball nà iseantach Cairistiona Ghreumach, a-measg na daoine a tha draghail gu bheil cus cabhaig air a' bhile.
Còmhla rithe, tha Moderator Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba, agus labhraiche na h-Eaglaise Caitligiche ann an Alba.
Tha Cairistiona Ghreumach airson 's gun tèid am bile atharrachadh gus am bi na gnìomhan seo a' tighinn gu crìch agus gum bidh aig BPA ri sùil eile a thoirt orra.
¹óò¾±°ù²Ô±ð²¹°ù³Ù
Fon bhile, thèid dà lagh ùr a chruthachadh.
Feuchaidh a' chiad fhear ri dèiligeadh ri fòirneart agus dol a-mach mì-shoisealta aig, no mun cuairt air, geamanan buill-coise.
Tha an dà rna fear ag amas air grà in-chreidimh air loidhne.
Dh'fhaoidte gun tèid daoine a bhriseas nan laghan seo a chur don phrìosan fad coìg bliadhna.
Tha an riaghaltas a' creidsinn gu bheil na gnìomhan seo a dhìth gus dèiligeadh ri trioblaid mhòr ann an Alba.
Mar sin tha iad ag iarraidh taic bho gach taobh.
Trioblaid
Gheibh iad an taic sin anns an farsaingeachd.
Tha daoine a' creidsinn gu bheil trioblaid ann agus gu feum rudeigin a dhèanamh mu deidhinn.
Ach airson an taic a tha iad ag iarraidh fhaighinn, feumaidh Riaghaltas na h-Alba toirt air daoine creidsinn gur e seo an dòigh as fheà rr gus dèiligeadh rithe, agus nach d' rinn cabhag cron air a' bhile.
Thug Ailig Salmond prìomhachas don trioblaid seo anns an òraid aige don phà rlamaid nuair a chaidh ainmeachadh mar phrìomh mhinistear as dèidh an taghaidh.
Tha esan - agus am ministear, Roseanna Choinneagan - airson sealtainn gur urrainn dhaibh dèiligeadh ri trioblaidean mar seo agus sin gu luath.
Mar sin, tha tòrr obrach aca ri dhèanamh mus tig a' Bhà nrigh gu Holyrood an ceann cola-deug.
BeachdanFÃ g beachd
Tha Pà rlamaid na h-Alba a' sìreadh bheachdan air a' bhile seo an-drà sta. Gheibhear barrachd fios air blog Pà rlamaid na h-Alba aig: