Aghaidh ri aghaidh
'S e seo là de fhuaimnean agus dathan, de cheòl agus de bhà rdachd. Thà inig BPA agus an teaghlaichean gu Holyrood an-diugh leis na h-aodaich spaideal orra - fèilidhean, sherwani agus co-dhiù aon ad a bha na h-adhbhair sitrich a-measg an luchd-naidheachd. Còmhla riutha bha daoine bho air feadh na dùthcha a thà inig gu Dùn Èideann gus toiseach seisean ùr na Pà rlamaid Albannaich a chomharrachadh. Am broinn na pà rlamaid fhèin, chuala sinn luaidhean Laidinn bho Choisir Ã’igridh Albannach an h-Eaglaise Brice, òrain Albannach bho Karine Polwart agus dà n bho Bhà rd na h-Alba, Liz Lochhead. Chuala miÌýCòisir Ghà idhlig Lodainn feasgar agus chòrd sin gu mòr rium. Taobh a-muigh, rinn còmhlan-ciùil caismeachd fharamach sìos a' Mhìle Rìoghail, na mac-talla air an t-seann Phà rlamaid Albannaich a bha an seo ann an Dùn Èideann gu 1707. Samhlachas Aig bonn an rathaid ainmeile sin, seasaidh a' phà rlamaid agus an lùchairt aghaidh ri aghaidh, a' cumail sùil dhocair air a chèile. 'S e seo an aon là nuair a thig an dà Holyrood còmhla fon aon mhullach. Aig Westminster, iarraidh a' Bhanrìgh air riochdairean a' phobail tighinn gus èisteachd riutha ann an Taigh nam Mòrairean, seann shamhla cumhachd na flaitheachd Sassanaiche. Ach an seo, thig a' Bhanrìgh tarsainn an rathaid gus bruidhinn ri buill-pà rlamaid na h-Alba anns an dachaigh aca fhèin. Samhlachas, 's dòcha. Ach, tha samhlaidhean air leth cudromach ann am poileataigs. Rabhadh As dèidh nan trombaidean, 's ann air Tricia Marwick, mar riochdaire na pà rlamaid, a bha an dleastanas fà ilte a chur air a' bhanrìgh. Thug an t-oifigear riaghlaidh ùr rabhadh do bhuill gun robh bliadhnaichean duilich air fà ire air sgà th gainnead airgid. Agus thuirt i cuideachd gu feum sùil ùr a thoirt air dòighean-obrach na pà rlamaid, a' dèanamh iomradh air mòrchuid a' phà rtaidh a riochdaich i gus an deach a taghadh mar rèitire neo-thaobhach Holyrood. Anns an òraid aicese, thuirt a' Bhanrìgh fhèin nach robh poileataigs na h-Alba na obair airson dhaoine a bha diùid, socair no lag-chridheach. Chòrd sin ris an fheadhainn a bha an là thair. Thuig iad, 's dòcha, gum biodh seo cho fìor agus a bha e a-riamh anns na bliadhnaichean a tha romhainn. ²Ñò°ù³¦³ó³Ü¾±»å B' e seo a' chiad uair a bha mòrchuid nà isteantach a' feitheamh air a' Bhanrìgh nuair a thà inig i tarsainn Horses Wynd, agus prìomh mhinistear leis a' chothrom agus a' chumhachd referendum a chur air dòigh gus Alba a dhèanamh neo-eisimeileach. Thug Ailig Salmond taing dhi as leth muinntir na h-Alba airson seisean ùr na pà rlamaid fhosgladh. Bhruidhinn e mu na ceaglaichean eadar dùthchanan nan Eilean seo, eadar Alba, Sasainn, Èirinn agus a' Chumrigh - tìrean le tòrr ann an cumantas ach gach tè dhiubh le h-eachdraidh fhèin. Thug e 'Banrìgh nan Albannach' oirre, agus bhruidhinn e mun à m - eadar 1603 agus 1707 - nuair a bha a sinnsearan nan rìghrean agus banrìghean Shasainn agus Alba - dà dhùthaich neo-eisimileach. 'S e sin a tha Mgr Salmond airson fhaicinn a-rithist, le taic a' mhòrshluaigh anns an referendum a thèid a chumail ron ath thaghadh. Chan fhada gus an tig an referendum sin. Tha sabaid mhòr roimhe, 's Ailig Salmond là n dòchais gur e pà rlamaid neo-eisimileach a chuireas fà ilte air a' Bhanrìgh ann an 2016. PS. Coltach ris na buill-pà rlamaid, tha mi fhìn airson beagan fois a ghabhail tron t-samhradh. Mar sin dheth, bidh am blog seo a'Ìýdol gu fosadhÌýgus an till iad as t-fhoghair. Saor-là ithean matha dhuibh uile.
BeachdanFÃ g beachd
Faodar leughadh mu latha fosglaidh na PÃ rlamaid air blog PÃ rlamaid na h-Alba cuideachd air: