Ceistean don Oifigear Riaghlaidh
Am faca sibh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?
B' e seo a' chiad uair a b' fheudar do dh'Ailig Salmond ceistean a fhreagairt o chaidh ath-thaghadh.
Chaidh ceistean cudromach a thogail - mu dheidhinn sheirbhisean cùram, mar eisimpleir, no neo-eisimileachd nan cùirtean.
Ach bha ceistean eadar-dhealaichte aig an fheadhainn a bha a' coimhead bho ghalaraidh nam meadhanan.
B' iad - dè mar a bhiodh Ceistean a' Phrìomh Mhinistear agus mòrchuid a-nis aig an SNP?
Agus, dè mar a dhèanadh Tricia Marwick mar oifigear riaghlaidh?
Deasbad
Ann an dòigh, b' e seisean neònach a tha seo.
Tha fios againn - agus aig Mgr Salmond - nach iad Iain Gray agus Annabel Goldie a thogas na ceistean as dèidh an t-samhraidh, a' fà gail a' chòmhraidh eatorra car sà mhach.
(Thog Willie Rennie Ceist an-diugh ged a chuir Tricia Marwick roimhpe nach faigh ceannard ùr nan Lib Deamach an cothrom sin ach dà sheachdainn anns gach trì).
Ach fiù 's le sin, cha bhi an t-oifigear riaghlaidh ùr ro thoilichte le ciad diardaoin-se anns a' chathair.
Ruith e thairis, bha tòrr fuaim anns an t-seòmar agus cha robh cothrom aig cùl-bheingearan cur ris an deasbad mar a tha i ag iarraidh.
Mar sin, ceistean don oifigear riaghlaidh as dèidh nan ciad cheistean den phà rlamaid ùir.