Cia mheud referendum?
Ron taghadh, bha pà rtaidhean an aonaidh ag rà dh nach bu chòir referendum a chumail air neo-eisimileachd do dh'Alba.
A-nis, 's cotach gu bheil cuid dhiubh dhen bheachd nach biodh aon referendum gu leòr.
Sin as dèidh mar a thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, ri luchd-naidheachd gun robh e a' creidsinn gum biodh dà rna referendum a dhìth.
Sin air sgà th 's gu bheil bun-reachd na dùthcha glèidhte do Westminster agus mar sin chan urrainn do Riaghaltas na h-Alba ach ceist fhaighneachd air a' phrionnsabal.
Mar sin, thuirt Mìcheal Moore gun robh e dhen bheachd gu feumadh dà rna referendum a bhith ann - fo stiùireadh Westminster - gus taic fhaighinn airson an aonta eadar Dùn Èideann agus Lunainn.
Mar a bhiodh dùil cha do chòrd sin ris an SNP idir.
Amaideas
B' e 'amaideas' am facal a chleachd labhraiche a' phrìomh mhinisteir airson nam faclan aig Mìcheal Moore.
Tha beachd an SNP stèidhichte air na thachair anns an referendum a thug fèin-riaghlaidh do dh'Alba.
An uair sin chaidh an referendum a chumail gus taic fhaighinn airson a' phrionnsabail, mus deach aonta a ruighinn air na puingean as mionaidiche.
Tha iad ag rà dh cuideachd gu bheil seo a' sealtainn gu bheil eagal air Mgr Moore gun cailleadh luchd-taic an aonaidh an referendum - mura cailleadh, cha bhiodh dà rna bhòt a dhìth.
Dhòmhsa, tha e a' sealtainn nach eil aonta taobh a-staigh riaghaltas Bhreatainn mun dòigh as fheà rr gus dèiligeadh ri toradh an taghaidh Albannaich agus na planaichean aig Ailig Salmond gus referendum a chumail.
Feumaidh sin atharrachadh gu luath.