Soraidh slà n Iain Gray
An-diugh thug Iain Gray an òraid mu dheireadh aige seachad aig co-labhairt a' phà rtaidh mar cheannard nan Là barach anns a' Phà rlamaid Albannaich. Tha e an dòchas gur e seo an turas mu dheireadh a chluinneas iad bho neach leis an tiotal sin. A-raoir, bhòt am pà rtaidh gus barrachd saorsa a thoirt do na Là baraich Albannach. Bidh an duine a leanas Mgr Gray na cheannard - no na ceannard - air a' phà rtaidh Albannach air fad: buill-pà rlamaid Westminster, buill-pà rlamaid Eòrpach agus comhairlichean, chan ann dìreach air a' bhuidhinn aig Holyrood. Nas cudromaiche fiù 's na sin, 's dòcha, bidh smachd aig a' cheannard ùr air goireasan agus ionmhas a' phà rtaidh, agus 's e - no 's i - a stiùireas iomairtean a' phà rtaidh aig à m an taghaidh. Ach dè an diofar a nì seo? Am beachd Mhgr Gray nì e diofar mòr. Cron Anns a' chiad sheantans dhen òraid aige an-diugh, ghabh Iain Gray ris an dleastanas airson toradh uabhasach nan Là barach aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean. Ach thuirt e gun d' rinn gainnead fèin-riaghlaidh anns a' phà rtaidh cron orra leis an luchd-bhòtaidh. A-rèir Mhgr Gray, dh'fhà g seo gun robh e duilich dhaibh earbsa a thogail anns na polasaidhean agus na h-amasan aca airson Alba. Chuir 93% de dhaoine taic ris a' phlana a bhitheas a' neà rtachadh a' cheannard Albannaich. 'S i a' cheist a tha againn a-nis, cò gheibh an dreuchd? 'MacBull' Chleachd Mgr Gray an òraid aige gus ionnsaigh a thoirt air là imhseachadh na h-eaconamaidh leis an SNP. An à ite 'Plan MacB', thuirt Mgr Gray nach robh aig Ailig Salmond aig 'MacBull', ag rà dh gun robh am prìomh mhinistear a' dèanamh nas miosa fiù 's na bha Seòras Osborne mu dheas. Chòrd sin gu leòr ris na daoine a bha an là thair. Ach, 's e dreuchd nas motha a tha aig na Là baraich an t-seachdain-sa èisteachd fhaighinn bhon mhòrshluagh air an eaconamaidh. Tha Mgr Gray an dòchas gum bi structaran ùra a' phà rtaidh Albannaich nan cuideachaidh don ath cheannard sin a dhèanamh. Bidh feum aca air gach uile cuideachadh a tha ri fhaotainn.