Bargan ùr bhon cheannard ùr
Cha robh tòrr de pholasaidh anns an òraid aig Ed Miliband ri co-labhairt nan Là barach an-diugh.
Ach cha b' e sin an t-amas a bha aige.
Bliadhna o chaidh a thaghadh mar cheannard a' phà rtaidh, tha fios aig Mgr Miliband gu bheil aige fhathast ri cliù a thogail leis an luchd-bhòtaidh.
Tha na cunntasan-bheachd air sin a dhèanamh soilleir.
An-diugh bha cothrom eile aige a chur fhèin air beulaibh a' mhòrshluaigh agus innse dhaibh cò e.
Aig a' cheann thall, iarraidh e orra a dhèanamh na phrìomhaire.
Eachdraidh
Ach tha sin grunn bhliadhnaichean air falbh fhathast.
Dh'innis Mgr Miliband beagan mu eachdraidh a theaghlaich, a thà inig gu Breatainn agus iad a' teicheadh bho na Nà saich.
Agus bhruidhinn e mu dheidhinn fhèin, ag rà dh nach robh e na Thony Blair no fiù 's na Ghòrdan Brown, ach na dhuine fhèin a dhèanadh cùisean air an dòigh aige fhèin.
An à ite polasaidh, fhuair sinn feallsanachd bho Mhgr Miliband an-diugh.
Tha e dhen bheachd gun deach rudeigin ceà rr ann am Breatainn - chan ann on taghadh an uiridh, ach o chionn bhliadhnaichean.
Agus, gum bu chòir an eaconamaidh - agus a' coimhearsnachd - a ruith air dòigh eadar-dhealaichte.
'Bargain Ùr'
Mar phà irt dhen 'Bhargan Ùr' aige, dheigheadh siostam nan ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chleachdadh gus companaidhean matha a bhrosnachadh agus companaidhean dona - an fheadhainn a rinn prothaidean luatha gun ghnothach a ghabhail ri trèanadh no leasachadh - a pheanasachadh .
Aig a' cheart à m, thuirt Mgr Miliband gum bu chòir atharrachadh a dhèanamh air siostam nan sochairean sòisealta, agus taigheadas a thoirt do dhaoine le cliù mar nabaidhean matha air thoiseach air feadhainn a bha ri dol a-mach mì-shòisealta.
Chà in e daoine beà rtach agus bochda a ghabh brath air an t-siostam agus air na daoine anns a' mheadhan a bha ag obair gu cruaidh, a' dèanamh nan 'rudan ceart'.
'S i a' cheist a-nis ciamar a bhiodh na gnìomhan sin ag obair - ach bidh sinn a' feitheamh greis fhathast airson na freagairt.
Chaidh magadh air Tony Blair nuair a rinn Ed Miliband iomradh air an-diugh, a' sealltainn - 's dòcha - gu bheil na Là baraich airson gluasad air adhart bho linn an t-seann phrìomhaire.
Ach bha Mgr Blair math air taghaidhean a bhuannachadh. Chan eil fios aca fhathast am bi Mgr Miliband comasach sin a dhèanamh cuideachd.