Grèim air an stiùir
Naidheachd mhòr bhon riaghaltas an-diugh air tramaichean Dhùn Èideann.
Dh'fhoillsich Rùnaire a' Bhunstructair, Ailig Neil, gum biodh °äò³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô na h-Alba - buidheann an riaghaltais - a' gabhail gnothaich ris a' phròiseict.
Dhearbh e gum faigheadh Comhairle Dhùn Èideann an earrann mu dheireadh de dh'airgead an riaghaltais - £72m - gus pà igheadh airson nan tramaichean.
Ach, b' e a' phrìs gun deigheadh sgiopa de chòignear à °äò³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô na h-Alba an sà s ann an stiùireadh na pròiseict.
Ri linn an aonta leis a' Chomhairle, bidh cothrom aig ministearan co-dhùnaidhean mòra mun phròiseict a ghabhail.
Agus, nas cudromaiche 's dòcha, bidh cothrom aca stad a chur air co-dhùnadh sam bith leis nach eil iad toilichte.
Dleastanas
Thuirt Mgr Neil gun robh e an dòchas nach b' fheudar dhaibh na cumhachdan seo a chleachdadh, ach gun robh iad a dhìth gus dèanamh cinnteach gun deigheadh a' phròiseict a choilionadh taobh a-staigh a' chlà ir-ama agus a' bhuidseit.
Tha an riaghaltas airson 's gum bi na tramaichean deiseal ron t-sà mhradh 2014, agus gun a bhith a' dol thairis air £776m.
Gu h-oifigeil, fuirichidh an dleastanas airson na pròiseict - agus airson a' chosgais - air a' Chomhairle.
Ach gu poileataigeach chan eil cùisean cho soilleir.
Ma thèid a' phròiseict thar a' bhuidseit a-rithist, am bi aig an riaghaltas ri airgead a thoirt seachad agus iad air grèim fhaighinn air an stiùir?
Tha iad a' dol as à idhcheadh sin - ach chì sinn dè thachras.