An ath cheum?
Tha gluasad ùr air fà ire bho na Lib Deamaich air cumhachdan ùra do Holyrood.
Tha mi ann am Birmingham, far a bheil am pà rtaidh cruinnichte airson na co-labhairt aca, as dèidh bliadhna air leth duilich dhaibh.
Chaidh fearg mu chìsean-oideachaidh aig deas a leantainn le toradh uabhasach anns na taghaidhean anns a' Chèitean, fà iligeadh anns an referendum air AV agus tuiteam mòr anns na cunntasan-bheachd.
Agus, bha fearg mun chà irdeas aca leis na Tòraidhean cho mòr ann an Alba 's gun deach am fà gail gun ach còignear bhall aig Holyrood, agus gun bhall sgìreil sam bith air tir-mòr.
Is coltach gu bheil Lib Deamaich air an nà ireachadh leis na thachair an Alba chun na h-ìre 's nach bi cothrom aig Willie Rennie òraid a thoirt seachad an t-seachdain-sa.
Ach chan eil sin a' fà gail nach eil cà il aig Mgr Rennie ri rà dh.
DÃ rna Ceum
Tha Mgr Rennie airson 's gun tèid coimisean ùr a chur air dòigh gus sùil a thoirt air 'an dà rna cheum as dèidh Chalmain'.
Thèid taic iarraidh air a shon aig a' cho-labhairt Albannaich an ath mhìos.
Dh'fhaodadh gum mol iad gun tèid an t-airgead uile a chosgas Holyrood a thogail le Holyrood - a' dol fada nas fhaide na tha Bile na h-Alba an-drà sta.
Tha Mgr Rennie a' creidsinn gur e seo na tha a' mhorchuid de dh'Albannaich ag iarraidh - cumhdachdan ùra don Phà rlamaid Albannaich, taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.
Ach, nam b' e sin polasaidh nan Lib Deamach Albannach, cà ite a bheil sin a' fà gail Mhìcheil Moore agus na h-argamaid aige an aghaidh, mar eisimpleir, toirt na cìse corparaid do Holyrood?
Tuilleadh tron là .