DÃ Aonadh
Dè tha an trot anns an Roinn Eòrpa a' ciallachadh do dh'Alba?
As dèidh deireadh-seachdain de shamhchair bhon SNP air a' chùis,Ìýsgrìobh Ailig Salmond don phrìomhaire gus ceistean fhaighneachd mun cho-dhunadh taic a dhiùltadh do chunnradh ùr Eòrpach.
Carson, sgrìobh am prìomh mhinistear, nach do bhruidhinn Dà ibhidh Camshron ri Dùn Èideann, Cardiff agus Beul Feirste mus deach e don Bhruiseil?
Agus, an do thomhais e a' bhuaidh a bheireadh seo air Alba?
Do Mhgr Salmond, chuir seo ris an argamaid airson à ite iarraidh do dh'Alba fhèin aig a' bhòrd deasbaid.
Thuirt Àireamh a Deich gun robh freagairt air an t-slighe.
Amaideas
Ach, thuirt labhraiche Mhgr Chamshroin, bha e coltach gun robh am prìomh mhinistear a' feuchainn ri aire a thoirt air falbh bho na ceistean Eòrpach air fhèin.
Air a' mhìos a chaidh anns na Cumantan thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gur e amaideas a bha ann an smaoineachadh gum faigheadh Alba a-steach don Aonadh Eòrpach gun chòmhradh a bhiodh doirbh, fada agus cosgail.
Ach, mar a dh'aithris sinn air An LÃ oidhche Haoine, is coltach nach e sin an trioblaid as motha aig Mgr Salmond.
A rèir Aidan O'Neill QC, cha bhiodh aig Alba neo-eisimileachd ri à ite iarraidh anns an Aonadh Eòrpach idir.
Da rèir-san, tha Alba na pà irt dhen Aonadh Eòrpach mar-thà agus cha b' fheudar dhi ach aithneachadh iarraidh bho na dùthchanan eile.
Agus, na bheachd-san,Ìýrachadh a' Chùirt Eòrpach an aghaidh gnìomh sam bith a chuireadh Alba a-mach bhon Aonadh, leis gur e sìobhaltaich an Aonaidh Eòrpaich a tha ann Albannaich mar-thà .
Bacadh
Sin beachd an Àrd-Ollaimh Anndra Scott aig Oilthigh Dhùn Èideann cuideachd.
'S e plana an SNP an aithneachadh sin iarraidh as dèidh bhòt airson neo-eisimileachd gus am biodh Alba na ball bhon chiad là .
Chan eil na dùthchanan eile airson cà il a rà dh mu dheidhinn à ite Alba neo-eisimiliche anns an Aonadh Eòrpach agus iad airson trot a sheachnadh le Lunainn.
Ach tha grunn dhaoine air innse dhomh fhìn nach tèid bacadh poileataigeach sam bith a chur air ballrachd na h-Alba fhad 's a thig Holyrood agus Westminster gu aonta eatorra fhèin.
Bhiodh sin mar phà irt dhe na còmhraidhean eadar an dà riaghaltas as dèidh an referendum.
Agus tha sin gar toirt air ais don litir bho Mhgr Salmond gu Mgr Camshron.
Sgaradh
Tha am prìomhaire earbsach gu bheil an luchd-bhòtaidh ann an Sasainn a' cur taic ris na rinn e anns a' Bhruiseil an t-seachdain a chaidh.
Agus, tha misneachd aige gum fuirich Nick Clegg agus am pà rtaidh aige anns a' cho-bhanntachd, a dh'aindeoin na feirge aca leis na thachair.
Ach dè mu dheidhinn muinntir na h-Alba?
Tha sgaradh eadar Lunainn agus Dùn Èideann air an Aonadh Eòrpach.
Ach le referendum air fà ire am bhòt Albannaich gus an t-aonadh Breatanach fhà gail mar phrìs airson à ite fhaighinn aig a' bhòrd anns a' Bhruiseil?
Tha an deasbad seo a' gluasad gu luath.
BeachdanFÃ g beachd
Nam bheachdsa, bhiodh Alba nas fheà rr mar dùthaich neo-eisimeil anns an Roinn Eòrpa, agus bhiodh an Roinn Eòrpa nas fheà rr le ceanglan is structuran nas là idir – chan e dìreach margadh mòr a th’ ann. Ged a tha an co-dhùnadh aig Daibhidh Camshron dona airson Breatainn, ’s dòcha gun cuidich e Alba air an rathad gu neo-eisimeileachd. Chì sinn.