Bile a' grà in-creidimh troimhe
Mar a bha dùil, chaidh am bile gus dèiligeadh ri grà in-chreideimh troimhe. Agus, mar a bha dùil, bhòt na dùbhlanaich uile na aghaidh. Anns a' bhliadhna ùir, gabhaidh binn còig bliadhna a chur air daoine a tha ri dol a-mach mì-shòisealta aig geamannan buill-coise, air an t-slighe thuca air neo anns an taigh-seinnse a' coimhead orra. Bidh cead aig na cùirtean binn còig bliadhna a chur cuideachd air daoine a tha ri grà in-chreideimh air loidhne. Tha Riaghaltas na h-Alba ag rà dh gu bheil na cumhachdan seo a dhìth agus gu bheil na poileis gan iarraidh. Ach tha na dùbhlanaich dhen bheachd nach deach an argamaid a dhèanamh air an son. Connspaid Fiù 's an-dè, bha na Là baraich aig iarraidh air an riaghaltas am bile seo a chur don dà rna taobh. Cha do thachair sin - ach bidh cothrom aig BPA seo a sgrùdadh a-rithist an ceann dà bhliadhna. Anns an eadar-ama, tha an SNP an dòchas gun crìon a' chonnspaid mun bhile seo nuair a chì daoine na cumhachdan ùra gan cur gu feum gach seachdain. Ach an-diugh, tha trioblaid eile aig Ailig Salmond agus aig an riaghaltas gu lèir. Sin, an èist an sluagh riutha gur e dòigh ghlic a tha seo gus dèiligeadh ri trioblaid mhòr? Air neo an creid iad nach eil an riaghaltas mòrchuid seo deònach èisteachd ri comhairle sam bith, bhon phà rlamaid fhèin air neo bho thaobh a-muigh?