´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

2014

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-01-11, 15:02

Tha fios againn a-nis cùine tha Ailig Salmond airson an referendum air neo-eisimileachd a chumail - as t-foghair 2014.

Dh'fhoillsich e seo dìreach ro shia uairean feasgar a-raoir, a'Ìýgabhail aireÌýnamÌýmeadhanan air falbhÌýbho Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore.

Bha Mgr Moore air beachd Riaghaltas Bhreatainn a mhìneachadh ann an òraid do Thaigh nan Cumantan.

Ghoid am Prìomh Mhinistear an naidheachd bhuaithe leis an fhiosrachadh aige fhèin.

Bha e follaiseach nach robh fios aig Mgr Moore gun robh a leithid air fàire.

'S i a' cheist an gabh Riaghaltas Bhreatainn leis.

Cumhachd

Thuirt Mgr Moore an-dè gur e beachd Riaghaltas Bhreatainn nach robh cumhachd laghail aig Riaghaltas na h-AlbaÌýreferendum sam bith a chumail air neo-eisimileachd.

Mar sin, thuirt e, bha iad deònach a' chumhachd sin a thoirt gu Holyrood.

Ach, dh'fhaodadh sin crochadh air an là, air na riaghailtean air neo na ceistean.

Tha Mgr Salmond a' creidsinn gu bheil barrachd ùine a dhìth air airson taic fhaighinn airson neo-eisimileachd.

Mar sin, dh'fhoillsich e an là as fheàrr leis fhèin agus fios aige gun dèan sin e doirbh do Dhàibhidh Camshron atharrachadh gun chasaid a bhith air gun robh a' dol an sàs ann an cùisean Albannach mar nach bu chòir.

Ach bidh Mgr Salmond toilichte a' chumhachd laghail ùr a tha seo fhaighinn.

¶Ùù²ú³ó±ô²¹²Ô

Tha sin a' fàgail na riaghailtean, agus na ceistean.

Ma tha am Prìomh Mhinistear airson aonta a ruighinn le Westminster gus dùbhlan a sheachnadh anns na cùirtean 's ann air sin a bhitheas an aire aige.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gur e Coimisean nan Taighean a bu chòir an referendum a stiùireadh.

'S e beachd Mhgr Salmond gur e buidhean a fhreagras ri Pàrlamaid na h-Alba a b' iomchaidh airson sin.

Nam beachd fhèin, cha bu chòir gum bi e ro dhoirbh aonta a ruighinn air sin.

Fada nas cudromaiche, ge-tà, tha a' cheist, air neo na ceistean.

Dàrna ceist

Thuirt Mgr Moore an-dè nach bu chòir ach aon cheist a bhith ann - a bheil Albannaich ag iarraidh neo-eisimileachd, tha no chan eil.

Tha Ailig Salmond air a ràdh gu bheil e deònach ceist eile a chur air a' phàipear-bhòtaidh, air tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

'S e beachd Riaghaltas Bhreatainn gum bi e nas coltaiche gum buannaich taobh an Aonaidh ma tha dìreach aon cheist ann.

Ach smaoinich air seo.

Dè thachras mas urrainn do Mhgr Salmond cantainn gun robh esan deònach dàrna ceist a chur air a' phàipear-bhòtaidh ach cha robh Mgr Camshron deònach sin a cheadachadh?

An uair sin, nach bhòtadh cuid dhe na daoine leis a b' fheàrr tuilleadh chumhachdan airson neo-eisimileachd, gu leòr dhiubh, fiù 's, airson a' chùis a dhèanamh?

Ìý

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.